Ieremiah 21:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Feuch, tionndaidhidh mise air an ais na h‑airm-chogaidh a tha nur làmhan, leis a bheil sibh a’ cogadh an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus an aghaidh nan Caldèanach a tha gur teannachadh air taobh a‑muigh a’ bhalla, agus cruinnichidh mi iad ann am meadhon a’ bhaile seo. Faic an caibideil |
Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, nì mise dhìot uamhas dhut fhèin, agus dod uile chàirdean; agus tuitidh iadsan le claidheamh an naimhdean, agus do shùilean-sa ag amharc; agus Iùdah uile bheir mi do làimh rìgh Bhàbiloin, agus bheir e leis iad ann am bruid gu Bàbilon, agus cuiridh e gu bàs iad leis a’ chlaidheamh.
Feuch na h‑innealan-brisidh, tha iad air teachd a‑chum na cathrach gus a glacadh, agus tha a’ chathair gus a toirt do làimh nan Caldèanach a tha a’ cogadh na h‑aghaidh, airson a’ chlaidheimh, agus na gorta, agus na plàighe; agus an nì a labhair thu, thàinig e gu crìch; agus, feuch, tha thusa ga fhaicinn.