Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 21:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mu thimcheall taigh rìgh Iùdah, cluinnibh-se facal an Tighearna:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Abair ris an rìgh, agus ris a’ bhànrighinn, Irislichibh sibh fhèin, suidhibh sìos; oir leagar sìos ur culaidh-chinn, eadhon crùn ur glòire.

Agus abair riu, Cluinnibh-se facal an Tighearna, a rìghrean Iùdah, agus a Iùdah uile, agus uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, a tha a’ teachd a‑steach air na geatachan seo.

O thaigh Dhaibhidh, mar seo deir Iehòbhah, Dèanaibh gu moch breitheanas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir-shàrachaidh, mun tèid mo chorraich-sa a‑mach mar theine, agus mun las i air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.

Mar seo thubhairt an Tighearna, Falbh sìos gu taigh rìgh Iùdah, agus an sin labhraidh tu am facal seo,

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och mo bhràthair! no, Och mo phiuthar! Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och a thighearna! no, Och a ghlòir-san!

Agus thubhairt mi, Eisdibh, guidheam oirbh, O cheannardan Iàcoib, agus a phrionnsachan taigh Israeil; nach buin dhuibhse fios a bhith agaibh ciod a tha ceart?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan