Oir chuir mise mo ghnùis an aghaidh a’ bhaile seo airson uilc, agus chan ann airson maith, deir an Tighearna; do làimh rìgh Bhàbiloin bheirear thairis e, agus loisgidh esan e le teine.
Agus loisg iad taigh Dhè, agus bhris iad sìos balla Ierusaleim, agus loisg iad a lùchairtean uile le teine, agus mhill iad a shoithichean taitneach uile.
Ach mura èisd sibh riumsa, a‑chum là na sàbaid a naomhachadh, agus gun uallach a ghiùlan, a’ dol a‑steach air geatachan Ierusaleim air là na sàbaid, an sin fadaidh mise teine na geatachan, agus loisgidh e lùchairtean Ierusaleim, agus chan fhaodar a mhùchadh.
A tha air teachd gu cogadh air taobh nan Caldèanach, agus gu an lìonadh le cuirp mharbha nan daoine a bhuail mise ann am fheirg, agus ann am chorraich, agus a thug orm, airson an uile aingidheachd, mo ghnùis fhalach on chathair seo:
Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus labhair ri Sedeciah rìgh Iùdah, agus abair ris, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise a’ chathair seo do làimh rìgh Bhàbiloin, agus loisgidh e i le teine:
Feuch, bheir mise àithne, deir an Tighearna, agus bheir mi orra tilleadh air an ais don chathair seo; agus cogaidh iad na h‑aghaidh, agus glacaidh iad i, agus loisgidh iad i le teine; agus bailtean Iùdah nì mi nan làraich sgaoilte, gun aon neach gan àiteachadh.
Agus thubhairt Ieremiah ri Sedeciah, Mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Ma thèid thu gu deimhinn thairis gu cinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin, an sin mairidh d’anam beò, agus cha loisgear a’ chathair seo le teine; ach mairidh tu beò, thu fhèin agus do theaghlach.
Ach mura tèid thu a‑mach gu cinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin, an sin bheirear a’ chathair seo do làimh nan Caldèanach, agus loisgidh iad i le teine, agus cha tèid thusa fhèin as on làmhan.
Agus bheir iad a‑mach d’uile mhnathan, agus do chlann, a‑chum nan Caldèanach; agus cha tèid thu fhèin as on làmhan, ach glacar thu le làimh rìgh Bhàbiloin, agus bidh tu coireach airson am baile seo a bhith air a losgadh le teine.
Imich agus labhair ri Ebed-melech an t‑Etiopach, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, bheir mise mo bhriathran air a’ chathair seo airson uilc, agus chan ann airson maith; agus thig iad gu crìch ann ad fhianais-sa anns an là sin.
Uime sin mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, cuiridh mise mo ghnùis nur n‑aghaidh a‑chum uilc, eadhon a‑chum Iùdah uile a ghearradh air falbh.
Feuch, nì mise faire os an cionn airson uilc, agus chan ann airson maith, agus sgriosar gach duine de Iùdah a tha an tìr na h‑Eiphit, leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, gus am bi làn chrìoch orra.
Agus cuiridh mi mo ghnùis nan aghaidh, thèid iad a‑mach o theine, agus nì teine eile an caitheamh: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna, an tràth a chuireas mi mo ghnùis nan aghaidh.
An sin cuir falamh e air èibhlean a‑chum gun teasaich a’ phràis, agus gun loisg i, agus gum bi a salchar air a leaghadh innte, air chor is gum bi a sal air a chaitheamh.
Agus ge bè duine de thaigh Israeil no de na coigrich a tha air chuairt nur measg, a dh’itheas gnè sam bith fala; cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin a dh’itheas fuil, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.
Agus cuiridh mise mo ghnùis nur n‑aghaidh, agus marbhar sibh an làthair ur naimhdean: agus rìghichidh a’ mhuinntir air am beag sibh oirbh, agus teichidh sibh nuair nach bi neach an tòir oirbh.
Agus ged rachadh iad gu daorsa ron naimhdean, an sin bheir mise àithne don chlaidheamh, agus marbhaidh e iad: agus leagaidh mi mo shùilean orra a‑chum uilc, agus chan ann a‑chum maith.
Ach mo bhriathran-sa, agus mo reachdan, a dh’àithn mi dom òglaich na fàidhean, nach do rinn iad greim air ur n‑athraichean? Agus nach dubhairt iad, Amhail mar a shaoil Tighearna nan sluagh a dhèanamh rinne, a rèir ar slighean, agus a rèir ar dèanadais, mar sin rinn e rinn.