Ieremiah 20:6Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thusa, a Phasuir, agus na h‑uile tha a chòmhnaidh ann ad thaigh, siùbhlaidh sibh air falbh ann am braighdeanas; agus thèid thusa gu Bàbilon, agus an sin gheibh thu bàs, agus an sin adhlaicear thu, thu fhèin agus d’uile chàirdean, don do rinn thu fàistneachd bhrèige. Faic an caibideil |
Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, nì mise dhìot uamhas dhut fhèin, agus dod uile chàirdean; agus tuitidh iadsan le claidheamh an naimhdean, agus do shùilean-sa ag amharc; agus Iùdah uile bheir mi do làimh rìgh Bhàbiloin, agus bheir e leis iad ann am bruid gu Bàbilon, agus cuiridh e gu bàs iad leis a’ chlaidheamh.
Feuch tha mise an aghaidh na muinntir a tha a’ fàistneachd aislingean brèige, deir an Tighearna, agus a tha gan innse, agus a’ toirt air mo shluagh-sa dol air seachran lem breugan agus lem briathran faoine; cha mhò a thug mi àithne dhaibh; air an adhbhar sin cha dèan iad, air aon chor, tairbhe don t‑sluagh seo, deir an Tighearna.
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, smachdaichidh mise Semaiah an Nehelamach agus a shliochd: cha bhi aige duine a ghabhas còmhnaidh am measg an t‑sluaigh seo, cha mhò a chì e am math a nì mise airson mo phobaill, deir an Tighearna, a chionn gun do labhair e ceannairc an aghaidh an Tighearna.