Ieremiah 20:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, nì mise dhìot uamhas dhut fhèin, agus dod uile chàirdean; agus tuitidh iadsan le claidheamh an naimhdean, agus do shùilean-sa ag amharc; agus Iùdah uile bheir mi do làimh rìgh Bhàbiloin, agus bheir e leis iad ann am bruid gu Bàbilon, agus cuiridh e gu bàs iad leis a’ chlaidheamh. Faic an caibideil |
Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth.