Agus thàrladh air an là màireach gun do leig Pasur Ieremiah a‑mach as an taigh-smachdachaidh. An sin thubhairt Ieremiah ris, Chan e Pasur a thug an Tighearna mar ainm ort, ach Magor-misabib.
Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob nas mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoine, agus thug thu buaidh.
Oir chuala mi cùl-chàineadh mòran dhaoine; bha eagal air gach taobh nuair a ghabh iad comhairle le chèile am aghaidh, a dhealbh iad mo bheatha a thoirt uam.
Agus dhlùthaich mi ris a’ bhan-fhàidh; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac: agus thubhairt an Tighearna rium, Thoir mar ainm air Maher-salal-has-bas:
Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abrar ris an àite seo nas mò Tophet, no gleann mac Hinoim, ach gleann a’ mharbhaidh.
Oir chuala mi tuairisgeul mhòrain, Uamhas air gach taobh aithrisibh-se, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair airson mo thuislidh, ag ràdh, Theagamh gum meallar e, agus gum faigh sinn buaidh air, agus gun gabh sinn dìoghaltas dheth.
Cuime am faca mi iad seo fo gheilt, agus a’ gabhail na ruaige? Tha eadhon an daoine cumhachdach air an claoidh; seadh a’ teicheadh gu luath, agus gun iad a’ sealltainn nan dèidh. Tha eagal air gach làimh, deir an Tighearna.
Air an adhbhar sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach goirear nas mò ris Tophet, no gleann mac Hinoim; ach gleann a’ mharbhaidh: oir adhlaicidh iad ann an Tophet, gus nach bi àite falamh ann.
Ghairm thu, mar air là suidhichte, m’uamhasan air gach taobh, air chor is, air là fearg an Tighearna, nach robh neach ann a chaidh as, no a mhair beò: a’ mhuinntir a thog agus a dh’àraich mi, chuir mo nàmhaid as dhaibh.
Agus bidh mo làmh air na fàidhean a chì dìomhanas, agus a tha a’ fàistneachd bhreug: cha bhi iad ann an coitheanal mo shluaigh, cha mhò a bhios iad air an sgrìobhadh ann an sgrìobhadh taigh Israeil, cha mhò a thèid iad a‑steach do fhearann Israeil; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia.