Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;
Gidheadh tha thu ag ràdh, A chionn gu bheil mi neochiontach, gu cinnteach tillidh a chorraich uam. Feuch tionnsgnaidh mise ann am breitheanas riut, a chionn gu bheil thu ag ràdh, Cha do pheacaich mi.
Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir chan i mo bhean-sa, cha mhò as mise a fear-se: cuireadh i air falbh uime sin a strìopachais as a sealladh, agus a h‑adhaltranais o a h‑uchd;
Eisdibh-se facal an Tighearna, O chlann Israeil; oir tha còmhstri aig an Tighearna ri luchd-àiteachaidh na tìre; a chionn nach eil fìrinn, no tròcair, no eòlas Dhè anns an fhearann.
An sin cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus an aghaidh a theaghlaich, agus gearraidh mi as e, agus iadsan uile a thèid le strìopachas na dhèidh, a dhèanamh strìopachais le Molech, o mheasg an sluaigh.
Eisdibh-se, O shlèibhtean, còmhstri an Tighearna; agus sibhse, a bhunaitean làidir na talmhainn: oir tha còmhstri aig an Tighearna ra shluagh, agus tagraidh e ri Israel.