Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 2:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha dubhairt na sagartan, Càit a bheil an Tighearna? Agus iadsan a laimhsich an reachd, cha b’aithne dhaibh mise: rinn na h‑aodhairean fòs ceannairc ann am aghaidh; agus rinn na fàidhean fàistneachd le Bàal, agus lean iad nithean nach toir buannachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

35 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Eliah ris an t‑sluagh, Dh’fhàgadh mise, eadhon mise a‑mhàin am fhàidh leis an Tighearna; ach tha fàidhean Bhàail ceithir cheud agus lethcheud fear an àireamh.

Agus nuair a chaidh meadhon-là thairis, agus a rinn iad fàidheadaireachd gu àm toirt suas na h‑ìobairt fheasgair, cha robh guth ann, no aon air bith a fhreagradh, no a bheireadh fa‑near iad.

Agus thubhairt Eliah riu, Glacaibh fàidhean Bhàail; na rachadh duine dhiubh as. Agus ghlac iad iad; agus thug Eliah sìos iad gu sruth Chisoin, agus mharbh e iad an sin.

Ach chan abair aon neach, Càit a bheil Dia mo Chruithear, a tha a’ tabhairt dhàn seachad anns an oidhche,

Ach chaidh iadsan fòs a thaobh le fìon, agus le dibh làidir chaidh iad air seachran; chaidh an sagart agus am fàidh a thaobh le dibh làidir, shluigeadh suas iad le fìon, chaidh iad air seachran le dibh làidir; chaidh iad am mearachd ann an sealladh, thuislich iad ann am breitheanas.

Oir dhòirt an Tighearna oirbh spiorad suaine; agus dhruid e suas ur sùilean; air na fàidhean agus ur luchd-riaghlaidh, agus air an luchd-seallaidh chuir e còmhdach.

Ghabh iad uile nàire de shluagh o nach d’fhuair iad tairbhe; o nach d’fhuair iad cuideachadh no tairbhe; ach a bha nan nàire agus nam masladh.

Oir tha na h‑aodhairean air fàs brùideil, agus chan eil iad ag iarraidh an Tighearna: uime sin cha soirbhich leo fhèin, agus bidh an treudan uile air an sgapadh.

Mhill mòran aodhairean mo lios-fìona, shaltair iad mo chuibhreann fo chois, rinn iad mo chuibhreann taitneach na fhàsach uaigneach.

O Thighearna, mo neart, agus mo dhaingneach, agus mo dhìdean ann an là na h‑airce; ad ionnsaigh-sa thig na cinnich o chrìochan na talmhainn, agus their iad, Gu deimhinn shealbhaich ar n‑athraichean nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithean gun tairbhe.

An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd on t‑sagart, no comhairle on eagnaidh, no am facal on fhàidh. Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon de a bhriathran.

An do chaochail cinneach an diathan, eadhon iad sin nach robh nan diathan? Ach chaochail mo shluagh-sa an glòir airson nì gun bhuannachd.

Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh?

Gu cinnteach tha mo shluagh-sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh.

Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?

Feuch, tha sibhse a’ dèanamh buin à briathran breugach o nach faigh sibh buannachd.

Ach gun do ghluais iad a rèir breithneachadh an cridhe fhèin, agus an dèidh nan dia a theagaisg an athraichean dhaibh:

Bhris a shagartan mo reachd, agus mhì-naomhaich iad mo nithean naomha: cha do chuir iad dealachadh sam bith eadar an naomh agus am mì‑naomh, cha mhò a dh’fheuch iad ciod tha neòghlan, agus ciod glan: agus dh’fhalaich iad an sùilean om shàbaidean, agus tha mi air mo mhì-naomhachadh nam measg.

A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh aodhairean Israeil, dèan fàistneachd, agus abair riu, O aodhairean, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mo thruaighe aodhairean Israeil, a tha gam beathachadh fhèin! Nach bu chòir do na h‑aodhairean an treud a bheathachadh?

Tha mo shluagh-sa air an sgrios le dìth eòlais. A chionn gun do chuir thu cùl ri eòlas, cuiridh mise fòs cùl riutsa, air chor is nach bi thu agam ad shagart: a chionn gun do dhearmaid thu lagh do Dhè, dearmadaidh mise fòs do chlann-sa.

Ciod an tairbhe a tha anns an ìomhaigh shnaidhte, gun do rinn am fear a dhealbh i a snaidheadh: anns an ìomhaigh leaghte, agus ann am fear-teagaisg nam breug, gun earbadh fear-dèanamh na h‑obrach seo aisde, a dhèanamh iodhalan balbha?

Oir ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged chosnadh e an saoghal uile, agus a anam fhèin a chall? No ciod a’ mhalairt a bheir duine airson a anama?

Is an‑aoibhinn dhuibh, a luchd-lagha: oir thug sibh air falbh iuchair an eòlais: cha deachaidh sibh fhèin a‑steach, agus an dream a bha a’ dol a‑steach, bhac sibh iad.

Agus nì iad na nithean seo, do bhrìgh nach aithne dhaibh an t‑Athair, no mise.

Gidheadh cha do ghabh sibh eòlas air; ach tha eòlas agamsa air: agus nan abrainn nach aithne dhomh e, bhithinn cosmhail ribhse ann am bhreugaire: ach is aithne dhomh e, agus tha mi a’ coimhead a fhacail.

Ach chuir sinn cùl ri nithean falaichte na nàire, gun sinn a bhith a’ siubhal ann an ceilg, no a’ truailleadh facal Dhè, ach le foillseachadh na fìrinn gar moladh fhèin do chogais nan uile dhaoine ann an sealladh Dhè.

Teagaisgidh iad do bhreitheanais do Iàcob, agus do lagh do Israel: cuiridh iad tùis fad chomhair, agus làn ìobairt-loisgte air d’altair.

Agus na tionndaidhibh a thaobh an dèidh nithean faoine, nach bi a‑chum tairbhe dhuibh, agus nach saor sibh; oir is faoineas iad:)

A‑nis bu mhic do Bhelial mic Eli; cha b’aithne dhaibh an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan