Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 2:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais, agus gun d’fhàs iad dìomhain?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus rinn iad tàir air a reachdan, agus air a choicheangal a rinn e rin athraichean, agus air a theisteis leis an tug e fianais nan aghaidh; agus lean iad dìomhanas, agus dh’fhàs iad dìomhain, agus chaidh iad an dèidh nan cinneach a bha mun cuairt orra, mun tug an Tighearna sparradh dhaibh, nach dèanadh iad cosmhail riu.

Cosmhail riu fhèin tha iadsan a nì iad, agus gach neach a dh’earbas asda.

Uime sin thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil an sluagh seo a’ teachd dlùth dhòmhsa lem beul, agus a’ toirt onair dhomh lem bilean, ach nan cridhe gun do theich iad fada uam; agus gu bheil an eagal romhamsa air a theagasg le àitheantan dhaoine;

Iadsan a nì dealbh snaidhte, is dìomhanas iad uile; agus nan nithean taitneach cha bhi tairbhe; agus tha iad nam fianaisean nan aghaidh fhèin, nach faic iad, agus nach tuig iad, a‑chum gum biodh iad air an nàrachadh.

Eisdibh rium, sibhse aig a bheil an cridhe rag, a tha fad as o fhìreantachd:

Ach tha iad gu h‑iomlan brùideil agus mì‑thuigseach: tha am fiodh e fhèin a’ cur an cèill an dìomhanais.

Shuidhich thusa iad, seadh, ghabh iad freumh; tha iad a’ fàs, agus fòs a’ toirt a‑mach toraidh: tha thusa dlùth nam beul, ach fada on àirnean.

A bheil aon air bith am measg dìomhanais nan cinneach as urrainn uisge a thoirt seachad? No an urrainn na nèamhan frasan a thabhairt? Nach tu fhèin an tì a nì sin, O Thighearna ar Dia-ne? Air an adhbhar sin, feithidh sinne riut; oir is tu a rinn na nithean seo uile.

O sibhse den ghinealach seo, feuchaibh facal an Tighearna: an robh mise am fhàsach do Israel, am fhearann dorchadais? Cuime an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn fhèin; cha tig sinn nas mò thugadsa?

Cluinnibh facal an Tighearna, O thaigh Iàcoib, agus uile theaghlaichean taigh Israeil:

Feuch, guth glaodh nighean mo shluaigh, o thìr chèin: Nach eil an Tighearna ann an Sion? Nach eil a rìgh innte? Carson, matà, a bhrosnaich iad mise gu feirg len dealbhan snaidhte, agus len dìomhanais choimheach?

A mhic an duine, is iad do bhràithrean, eadhon do bhràithrean, fir do dhìlseachd, agus uile thaigh Israeil gu h‑iomlan, ris an dubhairt luchd-àiteachaidh Ierusaleim, Imichibh am fad on Tighearna: dhuinne thugadh am fearann seo mar sheilbh.

A‑chum gun glac mi taigh Israeil nan cridhe fhèin, a chionn gu bheil iad uile air dol air seachran uamsa tre an iodhalan.

Iadsan a tha a’ leantainn air dìomhanais bhreugach, tha iad a’ trèigsinn an tròcair fhèin.

Tha an sluagh seo a’ dlùthachadh riumsa lem beul, agus a’ toirt urraim dhomh lem bilean: ach tha an cridhe fada uam.

Agus ag ràdh, A dhaoine, carson a tha sibh a’ dèanamh nan nithean seo? Oir is daoine sinne aig a bheil co‑aigne ribh fhèin, a’ searmonachadh dhuibhse tilleadh o na nithean dìomhain sin a‑chum an Dè bheò, a rinn nèamh agus an talamh, agus an cuan, agus na h‑uile nithean a tha annta:

Do bhrìgh nuair a b’aithne dhaibh Dia, nach tug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gun d’fhàs iad dìomhain nan reusonachadh fhèin, agus gun do dhorchaicheadh an cridhe amaideach.

Rinn iad eudmhor mise leis an nì nach Dia, bhrosnaich iad mi gu feirg len dìomhanais: agus nì mise eudmhor iadsan leòsan nach eil nan sluagh, brosnaichidh mi iad gu feirg le cinneach amaideach.

Agus na tionndaidhibh a thaobh an dèidh nithean faoine, nach bi a‑chum tairbhe dhuibh, agus nach saor sibh; oir is faoineas iad:)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan