Agus their thu, Eisdibh-se facal an Tighearna, O a rìghrean Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, bheir mise olc air an àite seo, a bheir air neach sam bith a chluinneas e gum bi gaoir na chluasan.
Is naomhachd don Tighearna Israel, ciad-thoradh a chinneis: iadsan uile a tha ga shlugadh suas, measar iad ciontach; thig aimhleas orra, deir an Tighearna.
Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais, agus gun d’fhàs iad dìomhain?
A bheil thu a’ toirt fa‑near ciod a tha an sluagh seo a’ labhairt, ag ràdh, An dà theaghlach a roghnaich an Tighearna, rinn e an tilgeadh uaithe? Agus rinn iad dìmeas air mo shluagh-sa, air chor is nach eil iad gam meas nas mò mar chinneach.
Seas ann an geata taigh an Tighearna, agus glaodh anns an àite sin am facal seo, agus abair, Cluinnibh facal an Tighearna, uile Iùdah, sibhse a tha ag imeachd a‑steach air na dorsan seo gu adhradh a thoirt do Iehòbhah.
Eisdibh-se facal an Tighearna, O chlann Israeil; oir tha còmhstri aig an Tighearna ri luchd-àiteachaidh na tìre; a chionn nach eil fìrinn, no tròcair, no eòlas Dhè anns an fhearann.