Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is naomhachd don Tighearna Israel, ciad-thoradh a chinneis: iadsan uile a tha ga shlugadh suas, measar iad ciontach; thig aimhleas orra, deir an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Ciad-thoradh d’fhearainn, agus d’fhìonlios, gun dàil bheir thu seachad: ciad-ghin do mhac bheir thu dhòmhsa.

Agus fèill an fhogharaidh, ciad-thoraidhean do shaothrach, a chuir thu anns an fhearann: agus fèill a’ chruinneachaidh aig deireadh na bliadhna, nuair a chruinnicheas tu a‑steach toradh do shaothrach as an fhearann.

Feuch, nàraichear agus maslaichear iadsan uile a bha air bhoile riut; bidh iad mar neoni; agus thèid iadsan a nì strì riut am mugha.

Bha corraich orm rim shluagh; thruaill mi m’oighreachd, agus thug mi thairis iad dod làimh; cha do nochd thusa tròcair dhaibh; air an aosda leag thu do chuing gu trom.

Mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh m’uile dhroch choimhearsnach, a tha a’ cur dragha air an oighreachd a thug mise mar sheilbh dom shluagh Israel; feuch, spìonaidh mi iad a‑mach as am fearann, agus as am meadhon spìonaidh mi a‑mach taigh Iùdah.

Cluinnibh facal an Tighearna, O thaigh Iàcoib, agus uile theaghlaichean taigh Israeil:

Uime sin bidh iadsan uile a tha gad shlugadh, air an slugadh, agus thèid do naimhdean uile, gach aon dhiubh ann am braighdeanas: bidh iadsan a tha gad chreachadh nan creich, agus na h‑uile a tha a’ dèanamh cobhartaich dhìot, bheir mise gu bhith nan cobhartach.

Iadsan uile a fhuair iad, shluig iad suas iad; oir thubhairt an naimhdean, Chan eil sinn ri cron air bith, a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna, àite-tàimh a’ cheartais; eadhon an Tighearna, dòchas an athraichean.

Innsibh-se dur cloinn e, agus innseadh ur clann don cloinn-san agus an clann-san do ghinealach eile.

Is truagh dhaibhsan a tha gu suaimhneach ann an Sion, agus ag earbsa à sliabh Shamaria; a tha gan ainmeachadh fhèin air tùs nan cinneach, gus a bheil imeachd taigh Israeil.

An sin caochlaidh an inntinn, agus siùbhlaidh iad air falbh, agus measar iad ciontach. Tha an neart seo aca on dia.

Agus tha mi ann an corraich ro‑mhòir ris na cinnich a tha suaimhneach; oir cha robh ormsa ach corraich bheag, agus chuidich iadsan air a h‑aghaidh an dòrainn.

Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla-san.

A’ chuid as fheàrr uile den ola, agus a’ chuid as fheàrr uile den fhìon, agus den chruithneachd, an ciad-thoradh leòsan a bheir iad seachad don Tighearna, iad sin thug mi dhut.

Oir ma tha an ciad-thoradh naomh, tha am meall naomh mar an ceudna: agus ma tha an fhreumh naomh, tha na geugan mar sin mar an ceudna.

Mar an ceudna cuiribh fàilte air an eaglais a tha nan taigh. Cuiribh fàilte air Epenetas as ionmhainn leamsa, neach as e ciad-thoradh Achaia do Chrìosd.

A rèir mar a thagh e sinn annsan, mun do leagadh bunait an domhain, a‑chum gum bitheamaid naomh, agus neo-choireach, na làthair-san ann an gràdh:

Oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia, agus thagh an Tighearna thu gu bhith ad shluagh sònraichte dha fhèin, thar gach uile chinneach a tha air aghaidh na talmhainn.

Agus a‑chum gun dèanadh e àrd thu os cionn nan uile chinneach a rinn e, ann an cliù, agus ann an ainm, agus ann an urram; agus a‑chum gum biodh tu ad shluagh naomh don Tighearna do Dhia, mar a labhair e.

Oir is sluagh naomh don Tighearna do Dhia thusa: thagh an Tighearna do Dhia thu gu bhith ad shluagh àraidh dha fhèin, os cionn gach sluaigh a tha air aghaidh na talmhainn.

O a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinn, a‑chum gum bitheamaid nar gnè chiad-toraidh de a chreutairean.

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:

Is iad seo an dream nach do shalaicheadh le mnathan; oir is òighean iad: is iad seo an dream a tha a’ leantainn an Uain ge bè àit an tèid e: shaoradh iad seo o mheasg dhaoine, nan ciad-thoradh do Dhia, agus don Uan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan