Oir ged nigh thu thu fhèin le natar, agus ged ghabh thu mòran siabainn, tha d’aingidheachd air a comharrachadh ann am làthair-sa, deir an Tighearna Iehòbhah.
Agus thubhairt Daibhidh ri Uriah, Fan an seo mar an ceudna an‑diugh, agus a‑màireach leigidh mi leat imeachd. Agus dh’fhan Uriah ann an Ierusalem an là sin, agus an là màireach.
Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn don chathair fhuiltich, don choire aig a bheil a shal ann, agus o nach deachaidh a shal a‑mach uaithe; thoir a‑mach e, mìr air mhìr, na tuiteadh crannchur air bith air.