Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 2:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nì clann Noiph agus Tahpaneis mar an ceudna mullach do chinn a bhriseadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

A‑nis, feuch, tha thu ag earbsa as an luirg bhriste chuilce sin, as an Eiphit, a thèid, ma leigeas duine a chudthrom oirre, a‑steach na làimh, agus a thollas troimhe e. Is ann mar seo a tha Phàraoh rìgh na h‑Eiphit dhaibhsan uile a dh’earbas as.

Agus chuir Phàraoh-necho e ann an cuibhrichean aig Riblah ann an tìr Hamait, a‑chum nach rìoghaicheadh e ann an Ierusalem: agus chuir e ceud tàlann airgid agus tàlann òir mar chìs air an tìr.

Dh’fhàs ceannardan Shòain nan amadain, tha ceannardan Noph air am mealladh; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran, eadhon luchd-taice a treubhan.

Le peacachadh agus le breugan an aghaidh an Tighearna, agus le tilleadh air falbh o ar Dia; le ainneart a labhairt agus le ceannairc a dhealbhadh; agus le briathran breugach aithris on chridhe.

Agus gabhaidh e roimhe air feadh Iùdah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh; eadhon gus am muineal ruigidh e; agus lìonaidh sgaoileadh a sgiathan leud do thìre-sa, O Imanueil.

Am facal a thàinig gu Ieremiah mu thimcheall nan uile Iùdhach a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit, a tha a chòmhnaidh aig Migdol, agus aig Tahpanes, agus aig Noph, agus ann an dùthaich Phatrois, ag ràdh,

Foillsichibh anns an Eiphit, agus cuiribh an cèill ann am Migdol; innsibh fòs ann an Noph, agus ann an Tahpanes abraibh: Seas daingeann, agus deasaich thu fhèin; oir shluig an claidheamh a’ mhuinntir a tha mun cuairt dhut.

Cuir d’àirneis an uidheam airson dol air ghluasad, O nighean a tha a chòmhnaidh anns an Eiphit; oir bidh Noph na fhàsach, bidh e fòs na làraich sgaoilte, gun aon ga àiteachadh.

Fo sgàil Hesboin sheas iadsan a theich on ainneart: ach thig teine a‑mach o Hesbon, agus lasair à meadhon Shihoin, agus loisgidh e ceàrnan Mhòaib, agus mullach-cinn nan daoine ceannairceach.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sgriosaidh mi fòs na h‑iodhalan, agus dìthichidh mi ìomhaighean a‑mach à Noph: agus cha bhi nas mò prionnsa air tìr na h‑Eiphit: agus cuiridh mi eagal ann am fearann na h‑Eiphit.

Agus cuiridh mi teine anns an Eiphit, bidh cràdh mòr air Sin, agus reubar Nò as a chèile, agus bidh Noph gach là ann an airc.

Oir feuch, dh’imich iad air falbh o làthair an fhir-mhillidh: tionailidh an Eiphit iad, adhlaicidh Memphis iad: na h‑ionadan taitneach a cheannaich iad len airgead, sealbhaichidh an fheanntag iad: nam pàilleanan fàsaidh an droigheann.

Agus mu Ghad thubhairt e, Beannaichte gu robh esan a leudaicheas Gad: mar leòmhann tha e a’ gabhail còmhnaidh, agus reubaidh e an gàirdean maille ri mullach a’ chinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan