Ieremiah 2:15Am Bìoball Gàidhlig 1992Beucaidh na leòmhainn òga na aghaidh; thog iad an guth, rinn iad a fhearann na fhàsach; tha a bhailtean air an losgadh, gun aon gan àiteachadh. Faic an caibideil |
Air an adhbhar sin, labhair thusa nan aghaidh na briathran fàistneachd seo air fad, agus abair riu, Beucaidh an Tighearna o a ionad àrd, agus o ionad còmhnaidh a naomhachd cuiridh e a‑mach a ghuth; beucaidh e gu cumhachdach an aghaidh ionad a thàimh; togaidh e iolach, mar iolaich luchd-bruthaidh nam fìondhearc, an aghaidh uile luchd-àiteachaidh na talmhainn.
Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth.
Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh.
Uime sin, dèan fàistneachd agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do rinn iad fàs sibh, agus gun do shluig iad suas sibh air gach taobh, gu bhith nur seilbh do fhuidheall nan cinneach, agus gu bheil sibh air ur gabhail ann am beul luchd seanchais, agus nur mì‑chliù am measg dhaoine: