Ieremiah 19:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus cuiridh mise gu neo-bhrìgh comhairle Iùdah agus Ierusaleim anns an àite seo; agus bheir mi orra tuiteam leis a’ chlaidheamh an làthair an naimhdean, agus le làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama: agus bheir mi an colainnean mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn. Faic an caibideil |
Agus tàrlaidh, mar a their iad riut, Càit an siubhail sinn air falbh? An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Iadsan a tha airson bàis, a‑chum bàis; agus iadsan a tha airson a’ chlaidheimh, a‑chum a’ chlaidheimh; agus iadsan a tha airson na gorta, a-chum na gorta; agus iadsan a tha airson na bruid, a‑chum braighdeanais.
Agus na dhèidh sin, deir an Tighearna, bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a òglaich, agus an sluagh, eadhon na dh’fhàgar anns a’ bhaile seo on phlàigh, on chlaidheamh, agus on ghorta, do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, agus buailidh e le faobhar a’ chlaidheimh iad: cha ghabh e truas dhiubh, cha mhò a choigleas e, cha mhò a nì e tròcair.
Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn.
Air an là‑an‑diugh bheir an Tighearna thairis thu dom làimh-sa, agus buailidh mi thu, agus buinidh mi dhìot do cheann, agus bheir mi closaichean feachd nam Philisteach air an là‑an‑diugh do eunlaith an adhair, agus do fhiadh-bheathaichean na talmhainn; a‑chum gum bi fhios aig an talamh uile gu bheil Dia ann an Israel.