Agus gun do thog iad ionadan àrda Bhàail, a‑chum am mic a losgadh anns an teine, mar thabhartasan-loisgte do Bhàal; nì nach d’àithn mise, cha mhò a labhair mi, cha mhò a thàinig e ann am aire:
Agus thug iad air am mic agus air an nigheanan dol tron teine, agus ghnàthaich iad fiosachd agus draoidheachd, agus reic iad iad fhèin a dhèanamh uilc ann an sealladh an Tighearna, a‑chum a bhrosnachadh gu feirg.
Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.
Agus loisg e tùis ann an gleann Bhen-hinoim, agus loisg e a chlann anns an teine, a rèir gràinealachd nan cinneach a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.
Agus thog iad ionadan àrda Bhàail, a tha ann an gleann mac Hinoim, a thoirt air am mic agus air an nigheanan dol tron teine do Mholoch; nì nach d’àithn mise dhaibh, agus nach tàinig idir ann am aire; a’ cur an gnìomh na gràinealachd seo, gu cionta a thoirt air Iùdah.
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gu robh do shalchar air a dhòrtadh a‑mach, agus do lomnochdaidh air a leigeadh ris tro do strìopachais led leannain, agus le uile iodhalan do ghràinealachdan, agus le fuil do chloinne, a thug thu dhaibh;
Agus thruaill mi iad nan tìodhlacan fhèin, le iad a bhith a’ toirt air gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù dol tron teine, ionnas gun dèanainn-sa fàs iad, a‑chum gun aithnicheadh iad gur mi an Tighearna.
(Dod thaobh-sa, O rìgh, thàinig do smuaintean ann ad aire air do leabaidh, na nithean a bha ri tachairt na dhèidh seo; agus tha esan a dh’fhoillsicheas nithean diamhair a’ toirt fios dhut ciod a thig gu crìch.
Agus air an là màireach, ghabh Balac Balàam, agus thug e suas e gu àitean àrda Bhàail, a‑chum is gum faiceadh e o sin a’ chuid a b’iomallaiche den t‑sluagh.
Cha dèan thusa mar sin ris an Tighearna do Dhia: oir gach gràinealachd don Tighearna as fuathach leis, rinn iadsan dan diathan; oir eadhon am mic agus an nigheanan loisg iad anns an teine dan diathan.