Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 18:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an soitheach a bha e a’ dèanamh de chriadh air a mhilleadh ann an làimh a’ chreadhadair; an sin rinn e dheth a‑rìs soitheach eile, mar a chunnacas ceart don chreadhadair a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige-chreadha ri fear-deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris-san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?

An sin chaidh mi sìos gu taigh a’ chreadhadair, agus, feuch, bha e a’ dèanamh obrach air na leacan.

An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

O thaigh Israeil, nach faod mise a dhèanamh ribhse mar an creadhadair seo? deir an Tighearna. Feuch, mar a’ chriadh an làimh a’ chreadhadair, is amhail sin sibhse ann am làimh-sa, O thaigh Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan