Agus bha an soitheach a bha e a’ dèanamh de chriadh air a mhilleadh ann an làimh a’ chreadhadair; an sin rinn e dheth a‑rìs soitheach eile, mar a chunnacas ceart don chreadhadair a dhèanamh.
Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna.