Anns an àm sin labhair an Tighearna le Isaiah mac Amois, ag ràdh, Imich, agus fuasgail an t‑aodach-saic od leasraidh, agus cuir dhìot do bhrògan bhàrr do chas; agus rinn e mar sin, ag imeachd lomnochd agus cas-ruisgte.
Ach nam biodh iad air seasamh ann am chomhairle-sa, an sin bheireadh iad air mo shluagh mo bhriathran èisdeachd, an sin bheireadh iad orra tilleadh on slighe, agus o aingidheachd an dèanadais.
Agus air dhàsan a bhith air chrith agus làn uamhainn, thubhairt e, A Thighearna, ciod as àill leat mise a dhèanamh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus rach a‑steach don bhaile, agus innsear dhut ciod as còir dhut a dhèanamh.