O mo shliabh anns a’ mhachair! Do mhaoin, agus do thaisgeachan gu h‑iomlan, bheir mi thairis don chreich; d’ionadan làidir airson peacaidh, air feadh d’uile chrìochan.
Agus thug e a‑mach as a sin uile ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh, agus gheàrr e nam bloighdean na soithichean òir uile a rinn Solamh rìgh Israeil ann an teampall an Tighearna, mar a labhair an Tighearna.
Uime sin, le seo glanar aingidheachd Iàcoib air falbh; agus is e seo an toradh uile a thabhairt air falbh a pheacaidh; nuair a nì e uile chlachan na h‑altarach mar chlachan aoil a tha air am pronnadh as a chèile, cha seas na doireachan no na dealbhan suas nas mò.
Air gach uile thulaich anns an fhàsach thàinig an luchd-creachaidh; oir sluigidh claidheamh an Tighearna suas, o aon iomall den tìr gus an t‑iomall eile: cha bhi sìth aig aon fheòil.
Agus bheir mi seachad uile neart na cathrach seo, agus a h‑uile shaothair, agus a h‑uile nithean luachmhor; agus uile bheartas rìghrean Iùdah bheir mi thairis do làimh an naimhdean, a chreachas iad, agus a ghlacas iad, agus a bheir iad air falbh gu Bàbilon.
Feuch, tha mise ad aghaidh, O thusa a tha a chòmhnaidh anns a’ ghleann, air carraig a’ chòmhnaird, deir an Tighearna; sibhse a tha ag ràdh, Cò a thig a‑nuas nar n‑aghaidh? No cò a thig a‑steach dar n‑ionadan-còmhnaidh?
Rinn Micah am Morastach fàistneachd ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus labhair e ri uile shluagh Iùdah, ag ràdh, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Bidh Sion mar mhachair air a treabhadh, agus bidh Ierusalem na cùirn, agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.
Shìn an nàmhaid a‑mach a làmh air a h‑uile nithean taitneach; gu deimhinn chunnaic i cinnich a’ dol a‑steach da h‑ionad naomh, don d’àithn thusa nach rachadh iad a‑steach dod choitheanal.
Agus bheir mi thu fòs dan làimh, agus tilgidh iad sìos d’àite cnocach, agus brisidh iad sìos d’ionadan àrda; buinidh iad dhìot mar an ceudna d’aodach, agus glacaidh iad do sheudan rìomhach, agus fàgaidh iad thu lomnochd agus rùisgte.
Agus abair, A shlèibhtean Israeil, cluinnibh facal an Tighearna Dia; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ris na slèibhtean, agus ris na cnuic, ris na sruthan, agus ris na gleanntan, Feuch, bheir mise, mise fhèin, claidheamh oirbh, agus sgriosaidh mi ur n‑ionadan àrda.
Agus cuiridh mise as dur n‑ionadan àrda, agus gearraidh mi sìos ur dealbhan, agus tilgidh mi ur colainnean air colainnean ur n‑iodhalan, agus gabhaidh m’anam gràin dhibh.
Air an adhbhar sin bidh am maoin na chobhartach, agus an taighean nam fàsach: agus togaidh iad taighean, ach chan àitich iad iad; agus suidhichidh iad fìonliosan, ach chan òl iad am fìon.