Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 16:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gheibh iad bàs, eadar bheag agus mhòr, anns an tìr seo; chan adhlaicear iad, agus cha dèanar caoidh air an son; cha gheàrr aon neach e fhèin, cha mhò a nì aon neach e fhèin maol air an son.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Uime sin thug e orra rìgh nan Caldèanach, a mharbh an daoine òga leis a’ chlaidheamh ann an taigh an ionaid naoimh, agus nach do chaomhain òigfhear no òigh, seann duine no esan a bha air a chromadh leis an aois: thug e thairis iad uile na làimh.

Agus anns an là sin ghairm Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, gu gul, agus gu caoidh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le aodach-saic:

Agus tàrlaidh, mar a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; mar a bhios an t‑òglach, mar sin bidh a mhaighistir; mar a bhios a’ bhanoglach, mar sin bidh a bana-mhaighistir; mar a bhios an ceannaiche, mar sin bidh am fear-reic; mar a bhios esan a bheir iasad, mar sin bidh esan a ghabhas iasad; mar a bhios am fear a ghabhas riadh, mar sin bidh am fear a bheir riadh uaithe.

An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, lìonaidh mise luchd-àiteachaidh na tìre seo air fad, eadhon na rìghrean a tha nan suidhe ann an àite Dhaibhidh air a rìgh-chathair, agus na sagartan, agus na fàidhean, agus uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, le misg.

Le bàs doilgheasach bàsaichidh iad; chan adhlaicear iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad; le claidheamh fòs, agus le gorta, caithear iad; agus bidh an cairbhean mar lòn do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.

Gun tàinig daoine àraidh, o Shechem, o Shiloh, agus o Shamaria, ceithir-fichead fear, aig an robh am feusagan air am bearradh, an aodaichean air an reubadh, agus iad fhèin geàrrte, le tabhartasan agus tùis nan làimh gu an toirt gu taigh an Tighearna.

Thàinig maoile air Gàsa; mhilleadh Ascelon, fuidheall an glinne; cia fhada a nì thu thu fhèin a ghearradh?

Seadh, bidh gach ceann maol, agus gach feusag beàrrte: air na h‑uile làmhan bidh gearraidhean, agus air na h‑uile leasraidh sac-èideadh.

Geàrr dhìot do ghruag, O Ierusaleim, agus tilg uat i, agus tog suas tuireadh air na h‑ionadan àrda: oir chuir Iehòbhah uaithe, thrèig e ginealach a chorraich.

Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn.

Cha bheàrr sibh mun cuairt oisnean ur ceann, cha mhò a mhilleas tu oisnean d’fheusaig.

Cha dèan sibh gearradh sam bith nur feòil airson nam marbh, cha mhò a chuireas sibh comharradh sam bith oirbh: Is mise an Tighearna.

Oir feuch, àithnidh an Tighearna, agus buailidh e an taigh mòr le beàrnan, agus an taigh beag le sgoltaidhean.

Agus nuair a thàinig Iosa gu taigh an uachdarain, agus a chunnaic e an luchd-ciùil, agus a’ chuideachd a’ dèanamh toirm bhròin,

Is sibhse clann an Tighearna ur Dia: cha gheàrr sibh sibh fhèin, cha mhò a nì sibh lomadh air bith eadar ur sùilean airson mairbh:

Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.

Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd-cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan