Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 16:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir mar seo deir an Tighearna, Cha tèid thu a‑steach do thaigh a’ bhròin, cha mhò a thèid thu a dhèanamh caoidh, no a thoirt dhaibh comhfhurtachd; oir thug mise air falbh mo shìth on t‑sluagh seo, deir an Tighearna, eadhon coibhneas gràdhach, agus caomh-thròcairean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Cuimhnich do chaomh-thròcairean, a Thighearna, agus do choibhneasan gràdhach, oir tha iad ann o chian nan cian.

Nuair a sheargas a meangain, brisear iad; thig mnathan agus cuiridh iad ri theine iad; oir is sluagh gun tuigse iad; uime sin cha ghabh an tì a rinn iad truas dhiubh; agus cha nochd esan a dhealbh iad coibhneas dhaibh.

Air gach uile thulaich anns an fhàsach thàinig an luchd-creachaidh; oir sluigidh claidheamh an Tighearna suas, o aon iomall den tìr gus an t‑iomall eile: cha bhi sìth aig aon fheòil.

Agus pronnaidh mi iad an aghaidh a chèile, eadhon na h‑athraichean agus na mic le chèile, deir an Tighearna; cha ghabh mi truas, cha mhò a choigleas mi, cha mhò a nì mi iochd, air chor is nach sgriosainn iad.

Uime sin tilgidh mi sibh a‑mach as an tìr seo, gu tìr air nach d’fhuair sibh eòlas, sibh fhèin no ur n‑athraichean; agus an sin nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, a là agus a dh’oidhche, a chionn nach dèan mise tròcair oirbh.

Agus dh’atharraich thu m’anam am fad o shìth; dhìochuimhnich mi soirbheachadh.

Oir ro na làithean seo, cha robh luach-saothrach air bith aig duine, no luach-saothrach air bith aig ainmhidh; cha mhò a bha sìth aig an tì a rachadh a‑mach, no a thigeadh a‑steach, leis an teinn; oir chuir mise na h‑uile dhaoine, gach aon an aghaidh a choimhearsnaich.

Agus lasaidh mo chorraich nan aghaidh anns an là sin, agus trèigidh mi iad, agus falaichidh mi mo ghnùis uapa, agus ithear suas iad, agus thig mòran olc agus àmhgharan orra, air chor is gun abair iad anns an là sin, Nach ann a chionn nach eil ar Dia nar measg a thàinig na h‑uilc seo oirnn?

Agus chaidh each eile a‑mach, a bha dearg; agus thugadh cumhachd dhàsan a shuidh air, a‑chum sìth a thoirt on talamh, ionnas gum marbhadh iad a chèile: agus thugadh claidheamh mòr dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan