Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 15:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus òrdaichidh mise os an cionn ceithir seòrsan, deir an Tighearna; an claidheamh gu marbhadh, agus na coin gu reubadh, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, gu ithe agus gu milleadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

A‑chum gun tumar do chas ann am fuil do naimhdean, teanga do mhadraidh anns an nì cheudna.

Fàgar iad le chèile gu eunlaith nam beann, agus gu beathaichean na talmhainn; agus cuiridh an eunlaith thairis an samhradh orra, agus cuiridh gach uile bheathach na talmhainn thairis an geamhradh orra.

Bha m’oighreachd dhòmhsa mar eun breac; O euna fuileachdach, thigibh-se na h‑aghaidh air gach taobh; cruinnichibh, uile bheathaichean na machrach, thigibh a‑chum ithe suas.

Nuair a thraisgeas iad, chan èisd mise rin glaodh; agus nuair a dh’ìobras iad ìobairt-loisgte agus tabhartas, cha ghabh mise iad; ach leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, cuiridh mi as dhaibh.

Agus bidh an sluagh don do rinn iad fàistneachd air an tilgeadh a‑mach ann an sràidean Ierusaleim, fa chùis na gorta, agus a’ chlaidheimh, agus cha bhi neach ann a dh’adhlaiceas iad; iad fhèin, am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan: oir taomaidh mise orra fhèin an aingidheachd.

Le bàs doilgheasach bàsaichidh iad; chan adhlaicear iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad; le claidheamh fòs, agus le gorta, caithear iad; agus bidh an cairbhean mar lòn do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.

Agus bidh cairbhean an t‑sluaigh seo nam biadh do eunlaith an adhair agus do bheathaichean na talmhainn; agus chan fhuadaich aon neach air falbh iad.

Rinn e mo shlighe fiar, agus reub e mi am bhloighdean: rinn e mi am aonaran.

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cia mò gu mòr tràth chuireas mi mo cheithir breitheanais ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as!

Abair thusa riu mar seo, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mar as beò mise, gu deimhinn tuitidh iadsan a tha anns na h‑ionadan fàsa leis a’ chlaidheamh; agus esan a tha anns a’ mhachair sgaoilte, bheir mise do na beathaichean ra ithe; agus bàsaichidh iadsan a bhios anns na daingnichean agus anns na h‑uamhan leis a’ phlàigh.

Nì mise mar an ceudna seo ribhse; òrdaichidh mi oirbh uamhas, caitheamh agus fiabhras loisgeach, a chaitheas na sùilean, agus a bheir cràdh don chridhe: agus cuiridh sibh ur sìol ann an dìomhanas, oir ithidh ur naimhdean e.

Cuiridh mi mar an ceudna fiadh-bheathaichean na machrach nur measg, a bheir uaibh ur clann, agus a chuireas as dur sprèidh, agus a nì sibh tearc ann an àireamh, agus bidh ur rathaidean mòra fàs.

Agus bheir mi claidheamh oirbh a dhìolas cùis-ghearain mo choicheangail; agus nuair a chruinnichear sibh an ceann a chèile an taobh a‑staigh de ur bailtean, cuiridh mi a’ phlàigh nur measg; agus bheirear thairis sibh do làimh naimhdean.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;

Agus bidh do chlosach na biadh aig uile eunlaith an adhair, agus aig beathaichean na talmhainn, agus chan fhuadaich duine sam bith air falbh iad.

Claoidhear iad le acras, agus cuirear as dhaibh le teas loisgeach, agus le sgrios searbh: fiaclan fhiadh-bheathaichean mar an ceudna cuiridh mi orra, maille ri nimh nathraichean an duslaich.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh-san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh-bheathaichean na talmhainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan