Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 15:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tàrlaidh, mar a their iad riut, Càit an siubhail sinn air falbh? An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Iadsan a tha airson bàis, a‑chum bàis; agus iadsan a tha airson a’ chlaidheimh, a‑chum a’ chlaidheimh; agus iadsan a tha airson na gorta, a-chum na gorta; agus iadsan a tha airson na bruid, a‑chum braighdeanais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

As m’eughmhais-sa aomaidh iad sìos fo na prìosanaich, agus tuitidh iad fo na mairbh. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Agus tàrlaidh, esan a theicheas o ghuth an uamhais, gun tuit e anns an t‑sloc; agus esan a thig a‑nìos o mheadhon an t‑sluic, gun glacar anns an ribe e; oir tha na tuil-dhorsan on àird air am fosgladh; agus tha bunaitean na talmhainn air an luasgadh.

Nuair a thraisgeas iad, chan èisd mise rin glaodh; agus nuair a dh’ìobras iad ìobairt-loisgte agus tabhartas, cha ghabh mise iad; ach leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, cuiridh mi as dhaibh.

Agus bidh an sluagh don do rinn iad fàistneachd air an tilgeadh a‑mach ann an sràidean Ierusaleim, fa chùis na gorta, agus a’ chlaidheimh, agus cha bhi neach ann a dh’adhlaiceas iad; iad fhèin, am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan: oir taomaidh mise orra fhèin an aingidheachd.

Le bàs doilgheasach bàsaichidh iad; chan adhlaicear iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad; le claidheamh fòs, agus le gorta, caithear iad; agus bidh an cairbhean mar lòn do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.

Agus cuiridh mise gu neo-bhrìgh comhairle Iùdah agus Ierusaleim anns an àite seo; agus bheir mi orra tuiteam leis a’ chlaidheamh an làthair an naimhdean, agus le làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama: agus bheir mi an colainnean mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.

Agus thig e, agus buailidh e tìr na h‑Eiphit, iadsan a tha a‑chum bàis, le bàs; agus iadsan a tha a‑chum daorsa, le daorsa; agus iadsan a tha a‑chum a’ chlaidheimh, leis a’ chlaidheamh.

Abair, Thu mise ann am chomharradh dhuibh; amhail a rinn mise, mar sin nìthear riùsan: atharraichidh iad, agus thèid iad air falbh ann am braighdeanas.

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cia mò gu mòr tràth chuireas mi mo cheithir breitheanais ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as!

Abair thusa riu mar seo, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mar as beò mise, gu deimhinn tuitidh iadsan a tha anns na h‑ionadan fàsa leis a’ chlaidheamh; agus esan a tha anns a’ mhachair sgaoilte, bheir mise do na beathaichean ra ithe; agus bàsaichidh iadsan a bhios anns na daingnichean agus anns na h‑uamhan leis a’ phlàigh.

Bàsaichidh trian dhìot leis a’ phlàigh, agus le gorta caithear iad ann ad mheadhon: agus tuitidh trian leis a’ chlaidheamh mun cuairt dhut; agus sgapaidh mise trian ris na h‑uile ghaothan, agus tàirngidh mi a‑mach claidheamh nan dèidh.

Trian loisgidh tu le teine ann am meadhon a’ bhaile, tràth bhios làithean an t‑sèisdidh air an coileanadh; agus gabhaidh tu trian, agus buailidh tu ma thimcheall le sgein; agus sgapaidh tu trian leis a’ ghaoith, agus tàirngidh mise a‑mach claidheamh nan dèidh.

Agus dhaingnich e a bhriathran a labhair e nar n‑aghaidh, agus an aghaidh ar britheamhan a thug breith oirnn, le dòrainn mhòr a thoirt oirnn; oir fo nèamh uile cha do rinneadh mar a rinneadh air Ierusalem.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;

An sin thubhairt mi, Cha bheathaich mi sibh; an nì sin a bhàsaicheas, bàsaicheadh e; agus an nì sin a tha gu bhith air a ghearradh as, biodh e air a ghearradh as: agus itheadh a’ chuid eile gach aon feòil a chèile.

Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan