Do Ierusalem, agus do bhailtean Iùdah, agus da rìghrean, agus da h‑uachdarain, a‑chum an dèanamh nan nochd-làraich, nan uamhas, nan sgeig, agus nam mallachadh, mar air an là‑an‑diugh:
Anns an là sin cha nàraichear thu airson d’uile dhèanadais, leis an do chiontaich thu ann am aghaidh-sa; oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a tha ri gàirdeachas ann ad uabhar; agus chan àrdaich thu nas mò thu fhèin ann am shliabh naomh-sa.
Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.
Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.