An sin dh’fhalbh mi gu Euphràtes, agus chladhaich mi, agus thug mi an crios as an àite anns an d’fhalaich mi e; agus, feuch, bha an crios millte, cha b’fhiù airson nì sam bith e.
Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh.
An sluagh olc seo, a tha a’ diùltadh mo bhriathran-sa èisdeachd, a tha a’ siubhal a rèir cruas an cridhe fhèin, agus a’ dol an dèidh dhia coimheach, gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu adhradh a thoirt dhaibh; bidh iad eadhon mar an crios seo, nach fiù airson nì sam bith.
Agus thàrladh, an dèidh mòran làithean, gun dubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich gu Euphràtes, agus thoir as a sin an crios a dh’àithn mise dhut fhalach anns an àite sin.