Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 13:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gabh an crios a fhuair thu, a tha air do leasraidh, agus èirich, imich gu Euphràtes, agus falaich an sin e, ann an toll den charraig.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Làimh ri aibhnichean Bhàbiloin, an sin shuidh agus ghuil sinn, nuair a chuimhnich sinn air Sion.

Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh an dara uair, ag ràdh,

Bi ann an saothair, agus beir, O nighean Shioin, mar mhnaoi ri saothair: oir a‑nis thèid thu a‑mach as a’ chathair, agus gabhaidh tu còmhnaidh anns a’ mhachair, agus thèid thu eadhon gu Bàbilon; an sin saorar thu; an sin fuasglaidh an Tighearna thu à làimh do naimhdean.

Agus bha a’ chulaidh aig Eòin de fhionnadh chàmhal, agus crios leathair aige timcheall a leasraidh; agus is e bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan