Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 13:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Labhraidh tu riu fòs am facal seo, Mar seo deir Iehòbhah, Dia Israeil, Lìonar gach soireadh le fìon. Agus their iad riut, Nach eil fhios cinnteach againn gun lìonar gach soireadh le fìon?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Oir mar a dhlùth-leanas an crios ri leasraidh duine, mar sin thug mise air taigh Israeil uile, agus air taigh Iùdah uile, dlùth-leantainn riumsa, deir an Tighearna; a‑chum gum biodh iad dhomh mar shluagh, agus mar ainm, agus mar chliù, agus mar ghlòir: ach chan èisdeadh iadsan.

An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, lìonaidh mise luchd-àiteachaidh na tìre seo air fad, eadhon na rìghrean a tha nan suidhe ann an àite Dhaibhidh air a rìgh-chathair, agus na sagartan, agus na fàidhean, agus uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, le misg.

Agus òlaidh iad, agus bidh iad air bhall-chrith, agus air a’ chuthach, leis a’ chlaidheamh a chuireas mise nam measg.

Agus thubhairt an sluagh rium, Nach innis thu dhuinn ciod ar gnothach-ne ris na nithean seo a tha thu a’ dèanamh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan