Bha m’oighreachd dhòmhsa mar eun breac; O euna fuileachdach, thigibh-se na h‑aghaidh air gach taobh; cruinnichibh, uile bheathaichean na machrach, thigibh a‑chum ithe suas.
Agus chuir an Tighearna na aghaidh buidhnean de na Caldèanaich, agus buidhnean de na Sirianaich, agus buidhnean de na Mòabaich, agus buidhnean de chloinn Amoin, agus chuir e iad an aghaidh Iùdah ga sgrios, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le a sheirbhisich, na fàidhean.
Islichear sealladh uaibhreach an duine mhòir, agus leagar sìos àrdan nan daoine suarach; agus bidh an Tighearna na aonar air a àrdachadh anns an là sin.
Agus òrdaichidh mise os an cionn ceithir seòrsan, deir an Tighearna; an claidheamh gu marbhadh, agus na coin gu reubadh, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, gu ithe agus gu milleadh.
Bheir mi eadhon iad sin do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama; agus bidh an cairbhean mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.
Tha Sion a’ sgaoileadh a‑mach a làmh, chan eil neach ann a thoirt dhi comhfhurtachd; dh’àithn an Tighearna a‑thaobh Iàcoib a naimhdean a bhith air gach taobh mun cuairt dha; tha Ierusalem nam measg mar aon a chuireadh air leth airson neòghlaine.
Agus na deich adhaircean a chunnaic thu air an fhiadh-bheathach, bheir iad sin fuath don strìopaich, agus nì iad fàs i, agus lomnochd, agus ithidh iad a feòil, agus loisgidh iad i le teine.