Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd-fiosachd mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach.
Ciod a tha aig mo ghràdh ri dhèanamh ann am thaigh-sa? Chuir i an gnìomh mòr-ghràinealachdan; agus tha an fheòil naomh air teicheadh uat. Nuair a tha thu aingidh an sin tha thu aoibhneach.
An do chuir thu gu tur cùl ri Iùdah? An d’fhuathaich d’anam Sion? Cuime an do bhuail thu sinn, agus gun aon chobhair againn? Bha ar sùil ri sìth, ach math cha tàinig; agus ri àm leighis, agus feuch àmhghar!
Agus fògrar thu, eadhon thusa fhèin, od oighreachd a thug mi dhut; agus bheir mi ort seirbhis a dhèanamh dod naimhdean ann an tìr anns nach eil thu eòlach: a chionn gun d’fhadaidh sibh, ann am fheirg-sa, teine a loisgeas gu sìorraidh.
Agus nuair a dh’fheòraicheas an sluagh seo, no fàidh, no sagart, dhìot, ag ràdh, Ciod e facal cudthromach an Tighearna? An sin their thusa riu, Is sibhse an cudthrom, agus tilgidh mise dhìom sibh, deir an Tighearna.
Uime sin, feuch, togaidh mise sibhse mar chudthrom, agus tilgidh mise air falbh, araon sibh fhèin agus a’ chathair seo, a thug mi dhuibhse, agus dur n‑athraichean, a‑mach as mo làthair:
Uime sin, nì mi ris an taigh seo a dh’ainmicheadh orm, as a bheil sibhse a’ dèanamh buin, agus ris an ionad a thug mi dhuibhse, agus do ur n‑athraichean, amhail a rinn mi ri Siloh.
Geàrr dhìot do ghruag, O Ierusaleim, agus tilg uat i, agus tog suas tuireadh air na h‑ionadan àrda: oir chuir Iehòbhah uaithe, thrèig e ginealach a chorraich.
Labhair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, truaillidh mise m’ionad naomh, òirdheirceas ur treise, miann ur sùl, agus an nì as caomh le ur n‑anam: agus ur mic agus ur nigheanan a dh’fhàgadh, tuitidh leis a’ chlaidheamh.
Tha an cionta gu lèir ann an Gilgal fam chomhair: oir an sin thug mise fuath dhaibh: airson aingidheachd an dèanadais iomainidh mi as mo thaigh iad: cha toir mi nas fhaide gràdh dhaibh; tha am maithean uile cùl-sleamhnach.
Gun cruinnich mi na h‑uile chinnich, agus bheir mi sìos iad gu gleann Iehosaphait, agus tagraidh mi riu an sin airson mo shluaigh, agus airson m’oighreachd Israel, a sgap iad am measg nan cinneach; agus roinn iad mo dhùthaich.
Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.
Mu Bheniàmin thubhairt e, Gabhaidh aon gràdhach an Tighearna còmhnaidh ann an tèarainteachd làimh ris; agus còmhdaichidh an Tighearna e rè an là uile, agus gabhaidh e còmhnaidh eadar a ghuaillean.