Mar seo deir an Tighearna, Is mallaichte an neach a chuireas a dhòchas ann an duine, agus a nì feòil na gàirdean dha, agus aig a bheil cridhe a tha a’ claonadh air falbh on Tighearna:
An sin freagraidh iad, A chionn gun do thrèig iad coicheangal an Tighearna an Dia, agus gun tug iad adhradh do dhiathan coimheach, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh.
Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do ghlac mi air làimh iad, a‑chum an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit; eadhon mo choicheangal a bhris iad, ged bha mi am fhear-pòsda dhaibh, deir an Tighearna: