Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 11:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, smachdaichidh mise iad; bàsaichidh na h‑òganaich leis a’ chlaidheamh; bàsaichidh am mic agus an nigheanan le gorta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Uime sin thug e orra rìgh nan Caldèanach, a mharbh an daoine òga leis a’ chlaidheamh ann an taigh an ionaid naoimh, agus nach do chaomhain òigfhear no òigh, seann duine no esan a bha air a chromadh leis an aois: thug e thairis iad uile na làimh.

Uime sin thoir thusa thairis an clann don ghorta, agus thoir orra leaghadh as le neart a’ chlaidheimh; biodh am mnathan air am fàgail gun chlann, agus iad nam bantraichean, agus faigheadh am fir bàs leis a’ phlàigh, agus marbhar an òganaich anns an àraich leis a’ chlaidheamh.

Ach smachdaichidh mise sibh a rèir toradh ur dèanadais, deir an Tighearna; agus lasaidh mi teine na coilltean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha.

Agus smachdaichidh mi iadsan a tha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, mar a smachdaich mi Ierusalem, leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh.

Uime sin tuitidh a h‑òganaich na sràidean, agus gearrar as na fir-chogaidh uile anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh.

Oir tha am bàs air teachd an àird gus ar n‑uinneagan, air teachd a‑steach gus ar lùchairtean; thàinig e a ghearradh sìos araon an naoidhein anns a’ mhachair agus nan òganach anns na sràidean.

Laigh an t‑òg agus an sean air an làr anns na sràidean: tha m’òighean agus m’òganaich air tuiteam leis a’ chlaidheamh; mharbh thu iad ann an là do chorraich; mharbh thu, agus cha do ghabh thu truas.

Chuir mi nur measg a’ phlàigh, a rèir nòs na h‑Eiphit; mharbh mi ur n‑òganaich leis a’ chlaidheamh, agus thug mi air falbh ur n‑eich, agus thug mi air droch fhàile ur campa teachd a‑nìos gu ur pollairean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan