Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 10:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar chrann-pailme tha iad seo rag, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh iad an tarbh òg a thugadh dhaibh, agus dheasaich iad e, agus ghairm iad air ainm Bhàail o mhadainn eadhon gu meadhon-là, ag ràdh, A Bhàail, èisd rinne! Ach cha robh guth, no neach air bith a fhreagradh ann: agus leum iad air an altair a rinn iad.

Uime sin las fearg an Tighearna an aghaidh Amasiah, agus chuir e da ionnsaigh fàidh, a thubhairt ris, Carson a dh’iarr thu an dèidh diathan an t‑sluaigh, nach b’urrainn an sluagh fhèin a shaoradh as do làimh-sa?

Agus tàrlaidh, nuair a chìthear gun do sgìthich Mòab e fhèin air an ionad àrd, gun tèid e a‑steach da ionad naomh a dhèanamh ùrnaigh; ach cha soirbhich leis.

Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; dlùthaichibh ri chèile, sibhse a tha air dol as o mheasg nan cinneach; chan eil eòlas acasan a tha a’ cur suas fiodh an deilbh shnaidhte, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri dia nach urrainn tèarnadh.

Tha Bel a’ cromadh sìos, Nebo a’ crùbadh; bha an iodhalan air na beathaichean agus air na h‑ainmhidhean; tha ur n‑eallaichean trom, nan cudthrom don ainmhidh airtnealach.

Giùlainidh iad e air an guaillean, iomchairidh iad e, agus cuiridh iad e na àit, agus seasaidh e; as a ionad cha ghluais e: seadh, glaodhaidh neach ris, ach cha fhreagair e, agus cha teasairg e e o a theinn.

Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheard le ìomhaigh leaghte; oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus anail air bith chan eil annta.

Is truagh dhàsan a tha ag ràdh ris an fhiodh, Dùisg: ris a’ chloich bhailbh, Èirich. An teagaisg i? Feuch, tha i air a’ cur thairis le òr agus airgead; agus chan eil anail air bith an taobh a‑staigh dhith.

Tha fhios agaibh gu robh sibh nur Cinnich, air ur tarraing gu iodhalan balbha, a rèir mar a threòraicheadh sibh.

Uime sin, mu thimcheall ithe nan nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againne nach nì air an domhan iodhal, agus nach eil Dia sam bith eile ann ach a h‑aon.

Agus an sin nì sibh seirbhis do dhiathan, obair làmhan dhaoine, fiodh agus clach, nach faic, agus nach cluinn, agus nach ith, agus nach fairich fàile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan