Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 10:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Le airgead agus le òr tha iad ga dèanamh maiseach, le tàirngean agus le ùird tha iad ga dèanamh daingeann, air chor is nach gluais i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Is airgead agus òr an iodhalan-san, obair làmhan dhaoine!

Is airgead agus òr iodhalan nan cinneach, obair làmhan dhaoine.

Gearraidh an gobha mìr iarainn, obraichidh e e anns na h‑èibhlean, agus nì e a chumadh le ùird, agus caithidh e spionnadh a ghàirdein air; seadh, bidh e acrach, agus fàilnichidh a neart; chan òl e uisge, agus bidh e fann.

Taomaidh iad òr as a’ mhàla, agus tomhaisidh iad airgead anns a’ mheidh; tuarasdalaichidh iad òr‑cheard, agus nì esan dia dheth; cromaidh iad sìos, seadh nì iad adhradh.

Giùlainidh iad e air an guaillean, iomchairidh iad e, agus cuiridh iad e na àit, agus seasaidh e; as a ionad cha ghluais e: seadh, glaodhaidh neach ris, ach cha fhreagair e, agus cha teasairg e e o a theinn.

Agus a‑nis tha iad a’ ciontachadh nas mò agus nas mò, agus rinn iad dhaibh fhèin dealbh leaghte den airgead: iodhalan a rèir an seòltachd fhèin, an t‑iomlan dheth obair nam fear-ceàirde: tha iad ag ràdh dan taobh, Dèanadh a’ mhuinntir a tha ag ìobradh an laoigh a phògadh.

Is truagh dhàsan a tha ag ràdh ris an fhiodh, Dùisg: ris a’ chloich bhailbh, Èirich. An teagaisg i? Feuch, tha i air a’ cur thairis le òr agus airgead; agus chan eil anail air bith an taobh a‑staigh dhith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan