Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 10:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha gnàthachadh nan slògh na fhìor-dhìomhanas: oir tha iad a’ gearradh craoibhe as a’ choille, obair-làmh an fhir a dh’obraicheas le inneal geur.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Is airgead agus òr an iodhalan-san, obair làmhan dhaoine!

Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; dlùthaichibh ri chèile, sibhse a tha air dol as o mheasg nan cinneach; chan eil eòlas acasan a tha a’ cur suas fiodh an deilbh shnaidhte, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri dia nach urrainn tèarnadh.

Agus cuiridh mise mo bhreitheanais an cèill nan aghaidh, airson an uile aingidheachd; a chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, agus gun do shleuchd iad do obraichean an làmhan fhèin.

Ach tha iad gu h‑iomlan brùideil agus mì‑thuigseach: tha am fiodh e fhèin a’ cur an cèill an dìomhanais.

A bheil aon air bith am measg dìomhanais nan cinneach as urrainn uisge a thoirt seachad? No an urrainn na nèamhan frasan a thabhairt? Nach tu fhèin an tì a nì sin, O Thighearna ar Dia-ne? Air an adhbhar sin, feithidh sinne riut; oir is tu a rinn na nithean seo uile.

O Thighearna, mo neart, agus mo dhaingneach, agus mo dhìdean ann an là na h‑airce; ad ionnsaigh-sa thig na cinnich o chrìochan na talmhainn, agus their iad, Gu deimhinn shealbhaich ar n‑athraichean nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithean gun tairbhe.

Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais, agus gun d’fhàs iad dìomhain?

Uime sin gleidhidh sibh m’òrdaighean, a‑chum nach dèan sibh aon air bith de na gnàthannan gràineil ud, a rinneadh romhaibh, agus nach truaill sibh sibh fhèin annta: Is mise an Tighearna ur Dia.

Ach nuair a nì sibh ùrnaigh na gnàthaichibh ath-iarrtasan dìomhain, mar na cinnich: oir saoilidh iadsan gun èisdear riu airson lìonmhorachd am briathar.

Os bàrr, tha sibh a’ faicinn agus a’ cluinntinn gu bheil am Pòl seo le a chomhairle air tionndadh air falbh sluagh mòr, chan ann a‑mhàin ann an Ephesus, ach cha mhòr anns an Asia uile, ag ràdh nach diathan iad a nìthear le làmhan:

Do bhrìgh nuair a b’aithne dhaibh Dia, nach tug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gun d’fhàs iad dìomhain nan reusonachadh fhèin, agus gun do dhorchaicheadh an cridhe amaideach.

Air dhuibh fios a bhith agaibh nach do shaoradh sibh le nithean truaillidh, mar a tha airgead agus òr, o ur caitheamh-beatha dìomhain, a thugadh dhuibh o ur sinnsireachd;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan