Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa.
Agus thubhairt Dia, Biodh solais ann an speuran nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche; agus biodh iad airson chomharraidhean, agus airson aimsirean, agus airson làithean, agus bhliadhnachan:
Agus an nì sin a tha a’ teachd nur n‑aire cha tachair air chor air bith, anns a bheil sibh ag ràdh, Bidh sinn mar na cinnich, mar mhuinntir nan dùthchannan, ann an seirbhis a thoirt do chrann agus do chloich.
A rèir gnìomharan tìr na h‑Eiphit anns an robh sibh a chòmhnaidh, cha dèan sibh; agus a rèir gnìomharan tìr Chanàain gus a bheil mise gur tabhairt, cha dèan sibh; cha mhò a ghluaiseas sibh nan òrdaighean.
Agus cha ghluais sibh ann an gnàthannan nan cinneach a tha mise a’ tilgeadh a‑mach romhaibh: oir rinn iadsan na nithean sin uile, agus uime sin ghabh mi gràin dhiubh.
Agus thubhairt mi ribh, Is mise an Tighearna ur Dia; na biodh eagal diathan nan Amorach oirbh, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nam fearann: ach cha d’èisd sibh rim ghuth.