Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 10:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mo thruaighe mise a‑thaobh mo dhochainn! Is cràiteach mo chreuchd: ach thubhairt mi, Gu deimhinn is deacair seo, ach is èiginn a fhulang.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Bha mi am thosd, cha d’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e.

An sin thubhairt mise, Is e seo m’anfhannachd; is e caochladh deaslàmh an Tì as àirde a tha ann.

Ach feithidh mise ris an Tighearna a tha a’ falach a ghnùise o thaigh Iàcoib, agus bidh sùil agam ris.

Agus labhraidh tu riu am facal seo: Sileadh mo shùilean le deòir a dh’oidhche is a là, agus na sguireadh iad: oir tha òigh-nighean mo shluaigh air a dochann le dochann mòr, le buille ro‑chràiteach.

Ged tha ar n‑euceartan a’ tabhairt fianais nar n‑aghaidh, O Thighearna, dèan thusa air sgàth d’ainme fhèin: oir tha ar cùl-sleamhnachaidh lìonmhor, pheacaich sinn ad aghaidh.

O Thighearna, cuspair-dòchais Israeil, bidh amhluadh air gach aon a thrèigeas thu; sgrìobhar iad nan luchd-ceannairc as an talamh; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, tobar nan uisgeachan beò.

Mo chom, mo chom! Tha mi air mo chràdh ann am ballachan mo chridhe; an taobh a‑staigh dhìom tha mo chridhe ri fuaim; chan urrainn mi fantainn am thosd; a chionn gun cuala tu, O m’anam, guth na trompaid, gaoir a’ chatha.

Gu cinnteach chuala mi glaodh amhail mnà ri saothair, teanntachd amhail mnà ri breith a ciad leinibh, glaodh nighean Shioin; a’ caoidh, a’ sgaoileadh a bas, agus ag ràdh, Mo thruaighe mise a‑nis, oir tha m’anam air a chlaoidh le luchd-mortaidh!

Airson leòn nighean mo shluaigh, tha mise air mo leòn; tha mi dubh-bhrònach; rinn uamhann mo ghlacadh.

Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh!

Tha i ri gul geur anns an oidhche, agus a deòir air a gruaidhean; fear-comhfhurtachd air bith chan eil aice am measg a h‑uile luchd-gaoil; bhuin a càirdean uile gu fealltach rithe, dh’fhàs iad nan naimhdean dhi.

Tha mo shùil a’ sileadh sìos le sruthan uisge airson lèirsgrios nighean mo shluaigh.

Giùlainidh mi corraich an Tighearna, a chionn gun do pheacaich mi na aghaidh; gus an tagair e mo chùis, agus an toir e breith air mo shon: bheir e a‑mach mi a‑chum an t‑solais; chì mi a fhìreantachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan