Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 10:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cruinnich suas do mhaoin as an fhearann, O thusa a tha ag àiteachadh an daingnich:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Feuch, tha mise ad aghaidh, O thusa a tha a chòmhnaidh anns a’ ghleann, air carraig a’ chòmhnaird, deir an Tighearna; sibhse a tha ag ràdh, Cò a thig a‑nuas nar n‑aghaidh? No cò a thig a‑steach dar n‑ionadan-còmhnaidh?

Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath, agus dòrainn mhòr.

Èiribh, agus imichibh, oir chan i seo ur còmhnaidh: a chionn gu bheil e air a shalachadh, sgriosar e; agus bidh an sgrios mòr.

Air an adhbhar sin, nuair a chì sibhse gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad naomh (tuigeadh an tì a leughas),

Agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan uile, gus am brisear sìos do bhallachan àrda agus daingnichte, anns an robh do dhòigh, air feadh d’fhearainn uile; agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan, air feadh d’fhearainn uile a thug an Tighearna do Dhia dhut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan