Agus thubhairt esan, Uime sin èisd thusa ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.
Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.
Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa.
Agus their thu, Cluinn facal an Tighearna, O rìgh Iùdah, a tha ad shuidhe air rìgh-chathair Dhaibhidh, thu fhèin, agus d’òglaich; agus do shluagh a tha a’ dol a‑steach air na dorsan seo;
(Seadh, a‑nis, uime sin èisdibh facal an Tighearna, O iarmaid Iùdah, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Ma chuireas sibh da‑rìribh ur n‑aghaidh ri dol don Eiphit, agus gun tèid sibh an sin air chuairt);
An Eiphit, agus Iùdah, agus Edom, agus clann Amoin, agus Mòab, agus na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach, a tha a chòmhnaidh anns an fhàsach: oir tha na cinnich seo uile neo-thimcheall-gheàrrte, agus tha taigh Israeil uile neo-thimcheall-gheàrrte nan cridhe.
Eisdibh-se facal an Tighearna, O chlann Israeil; oir tha còmhstri aig an Tighearna ri luchd-àiteachaidh na tìre; a chionn nach eil fìrinn, no tròcair, no eòlas Dhè anns an fhearann.
A‑nis uime sin, cluinn thusa facal an Tighearna: tha thu ag ràdh, Na dèan fàistneachd an aghaidh Israeil, agus na sileadh d’fhacal an aghaidh taigh Isaaic.
Uime sin tha sinne mar an ceudna a’ toirt buidheachais do Dhia gun sgur, do bhrìgh nuair a ghabh sibh ri facal Dhè a chuala sibh uainne, gun do ghabh sibh ris chan ann mar fhacal dhaoine, ach (mar as e gu fìrinneach) facal Dhè, a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annaibhse a tha a’ creidsinn.