Mun do dhealbh mi thu anns a’ bhroinn, b’aithne dhomh thu; agus mun tàinig thu a‑mach on bholg, chuir mi air leth thu: mar fhàidh do na cinnich thug mi thu.
Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Feuch, tha thu ag ràdh rium, Thoir suas an sluagh seo; agus cha tug thu fios dhomh cò a chuireas tu maille rium. Gidheadh thubhairt thu, Is aithne dhomh thu air d’ainm, agus mar an ceudna fhuair thu deagh-ghean am shùilean.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, An nì seo mar an ceudna a thubhairt thu, nì mise; oir fhuair thu deagh-ghean am shùilean, agus is aithne dhomh thu air d’ainm.
Mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, agus a dhealbh thu on bhroinn, agus a chuidicheas thu; Na biodh eagal ort, a Iàcoib m’òglach, agus a Iesuruin, a roghnaich mi;
Agus a‑nis mar seo deir an Tighearna, a dhealbh mi on bhroinn gu bhith am òglach dha, a thabhairt Iàcoib air ais da ionnsaigh, agus a‑chum gum bi Israel air a chruinneachadh thuige; uime sin bidh mi glòrmhor ann an sùilean an Tighearna, agus bidh mo Dhia na neart dhomh:
Feuch, chuir mi thu air an là‑an‑diugh os cionn nan cinneach agus os cionn nan rìoghachdan, gu spìonadh as, agus gu tarraing a‑nuas, agus gu sgrios, agus gu leagail; gu togail, agus gu suidheachadh.
Agus bheir mi air an fhearann sin m’uile bhriathran a labhair mi na aghaidh, gach nì a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, a rinn Ieremiah fhàistneachd an aghaidh nan uile chinneach.
Gabh dhut clàr-sgrìobhaidh, agus sgrìobh ann na h‑uile bhriathran a labhair mise riut an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, agus an aghaidh nan uile chinneach, on là anns an do labhair mi riut ann an làithean Iosiah, eadhon gus an là‑an‑diugh.
Is cumhachdach am fear-saoraidh: Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm: tagraidh e gu daingeann an cùis, a‑chum gun toir e suaimhneas don talamh agus mì‑shuaimhneas do luchd-àiteachaidh Bhàbiloin.
Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.
An abair sibh ris-san, a naomhaich an t‑Athair, agus a chuir e a‑chum an t‑saoghail, Tha thu a’ labhairt toibheim; airson gun dubhairt mi, Is mi Mac Dhè?
Oir an dream a ro‑aithnich e, ro‑òrdaich e iad mar an ceudna a‑chum a bhith co‑chosmhail ri ìomhaigh a Mhic, a‑chum gum biodh esan na chiad-ghin am measg mòran bhràithrean.