Agus dh’èigh e an aghaidh na h‑altarach ann am facal an Tighearna, agus thubhairt e, O altair, altair! mar seo thubhairt an Tighearna, Feuch, beirear mac do thaigh Dhaibhidh, don ainm Iosiah, agus ìobraidh e ortsa sagartan nan àitean àrda a loisgeas tùis ort, agus loisgear cnàmhan dhaoine ort.
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn slaite de chraoibh almoin.
O threas-bliadhna-deug Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, eadhon gus an là‑an‑diugh (is i seo an treas-bliadhna-fichead), thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh-sa, agus labhair mi ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt; ach cha d’èisd sibh.
Thubhairt an Tighearna rium fòs ann an làithean Iosiah an rìgh. Am faca tu ciod a rinn Israel chùl-sleamhnach? Chaidh i suas air gach sliabh àrd, agus fo gach crann gorm, agus an sin rinn i strìopachas.
Gabh dhut clàr-sgrìobhaidh, agus sgrìobh ann na h‑uile bhriathran a labhair mise riut an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, agus an aghaidh nan uile chinneach, on là anns an do labhair mi riut ann an làithean Iosiah, eadhon gus an là‑an‑diugh.
Facal an Tighearna a thàinig gu Hosèa, mac Bheeri, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais agus Heseciah, rìghrean Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim, mhic Iohais, rìgh Israeil.
Facal an Tighearna, a thàinig gu Micah am Morastach, ann an làithean Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah; a chunnaic e a‑thaobh Shamaria agus Ierusaleim.