Ieremiah 1:15Am Bìoball Gàidhlig 1992Oir feuch, gairmidh mise air uile theaghlaichean rìoghachdan na h‑àird a tuath, deir an Tighearna; agus thig iad, agus suidhichidh iad gach aon a rìgh-chathair aig dol a‑steach geatachan Ierusaleim, agus air a ballachan uile mun cuairt, agus os cionn uile bhailtean Iùdah. Faic an caibideil |
Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth.
An sin tha prionnsachan na h‑àird a tuath, an t‑iomlan dhiubh, agus na Sìdonaich uile, a chaidh sìos leis na mairbh, len uamhas tha nàire orra den cumhachd; agus tha iad nan laighe neo-thimcheall-gheàrrte leòsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh, agus a’ giùlan an nàire leòsan a thèid sìos don t‑sloc.