Ieremiah 1:14Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt an Tighearna rium, On àird a tuath brisidh an t‑olc a‑mach air uile luchd-àiteachaidh na tìre. Faic an caibideil |
Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth.
Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha uisgeachan a’ teachd a‑nìos on àird a tuath, agus fàsaidh iad nan tuil a thig thairis, agus a chòmhdaicheas am fearann, agus gach nì a tha ann; a’ chathair, agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh: agus èighidh na daoine gu h‑àrd, agus nì uile luchd-àiteachaidh na tìre tuireadh.