Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh an dara uair, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn coire air ghoil; agus air a thionndadh on àird a tuath.
Agus a‑thaobh gun do dhùblaicheadh an aisling do Phàraoh dà uair, tha sin a chionn gu bheil an nì air a shuidheachadh le Dia; agus bheir Dia ann an aithghearradh gu crìch e.
Is amhail a bhios m’fhacal-sa a thèid a‑mach as mo bheul: cha till e am ionnsaigh gun tairbhe; ach coileanaidh e an nì as àill leam, agus bheir e gu buil an nì mun do chuir mi a‑mach e.
An sin thubhairt an Tighearna rium, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Fìgean: na fìgean matha ro‑mhath; agus na droch fhìgean ro‑olc, air chor is nach faodar an ithe aig an olcas.
Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ur mairbh a chuir sibh na meadhon, is iadsan an fheòil, agus is i a’ chathair seo an coire; ach bheir mise sibh a‑mach as a meadhon.
Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cha bhi aon dem bhriathran-sa air a shìneadh nas fhaide; ach am facal a labhras mi, coileanar e, deir an Tighearna Dia.
Agus thubhairt e, Ciod a tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Cliabh de mheas samhraidh. An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha a’ chrìoch air teachd air mo shluagh-sa Israel; cha ghabh mise seachad orra nas mò.
Agus thubhairt e rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Dh’amhairc mi, agus, feuch, coinnleir uile de òr, le a chupan air a mhullach, agus a sheachd lòchrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a tha air a mhullach;