Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 1:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna rium, Is ceart a chunnaic thu: oir deifrichidh mise m’fhacal a‑chum a choileanadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Is amhail a bhios m’fhacal-sa a thèid a‑mach as mo bheul: cha till e am ionnsaigh gun tairbhe; ach coileanaidh e an nì as àill leam, agus bheir e gu buil an nì mun do chuir mi a‑mach e.

Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh an dara uair, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn coire air ghoil; agus air a thionndadh on àird a tuath.

An sin thubhairt an Tighearna rium, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Fìgean: na fìgean matha ro‑mhath; agus na droch fhìgean ro‑olc, air chor is nach faodar an ithe aig an olcas.

Agus tàrlaidh, amhail a rinn mise faire os an cionn gu spìonadh a‑nìos, gu briseadh, agus gu tilgeadh sìos, agus gu sgrios, agus gu claoidh; mar sin nì mi faire os an cionn, gu togail, agus gu suidheachadh, deir an Tighearna.

Oir mise Iehòbhah, labhraidh mi, agus am facal a labhras mi thig gu crìch: cha dèan e nas fhaide moille; oir nur làithean-se, O thaigh cheannaircich, labhraidh mise am facal, agus nì mi e, deir an Tighearna Dia.

Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cha bhi aon dem bhriathran-sa air a shìneadh nas fhaide; ach am facal a labhras mi, coileanar e, deir an Tighearna Dia.

Agus thubhairt e, Ciod a tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Cliabh de mheas samhraidh. An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha a’ chrìoch air teachd air mo shluagh-sa Israel; cha ghabh mise seachad orra nas mò.

Agus thubhairt esan ris, Is ceart a fhreagair thu: dèan-sa seo, agus bidh tu beò.

An sin fhreagair dream àraidh de na sgrìobhaichean, agus thubhairt iad, A Mhaighistir, is math a labhair thu.

Agus thubhairt an Tighearna riumsa, Is math a labhair iad an nì a labhair iad.

Dhòmhsa buinidh dìoghaltas, agus luigheachd; ri ùine sleamhnaichidh an cas: oir tha là an sgrios am fagas, agus tha na nithean a thig orra a’ dèanamh deifir.

Agus chuala an Tighearna guth ur briathran, nuair a labhair sibh rium: agus thubhairt an Tighearna rium, Chuala mi guth briathran an t‑sluaigh seo, a labhair iad riut: is math a thubhairt iad gach nì a labhair iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan