Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn slaite de chraoibh almoin.
Agus ghabh Iàcob dha fhèin slatan glasa den chritheann, agus den challtainn, agus de chraoibh nan geanm-chnò; agus rùisg e annta stiallan geala, agus leig e ris an geal a bha anns na slatan.
Is amhail a bhios m’fhacal-sa a thèid a‑mach as mo bheul: cha till e am ionnsaigh gun tairbhe; ach coileanaidh e an nì as àill leam, agus bheir e gu buil an nì mun do chuir mi a‑mach e.
An sin thubhairt an Tighearna rium, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Fìgean: na fìgean matha ro‑mhath; agus na droch fhìgean ro‑olc, air chor is nach faodar an ithe aig an olcas.
Oir mise Iehòbhah, labhraidh mi, agus am facal a labhras mi thig gu crìch: cha dèan e nas fhaide moille; oir nur làithean-se, O thaigh cheannaircich, labhraidh mise am facal, agus nì mi e, deir an Tighearna Dia.
Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cha bhi aon dem bhriathran-sa air a shìneadh nas fhaide; ach am facal a labhras mi, coileanar e, deir an Tighearna Dia.
Agus thubhairt an Tighearna rium; Ciod tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Sreang-riaghailt. An sin thubhairt an Tighearna, feuch, cuiridh mise sreang-riaghailt ann am meadhon mo shluaigh Israel; cha ghabh mi nas mò seachad orra tuilleadh.
Agus thubhairt e, Ciod a tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Cliabh de mheas samhraidh. An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha a’ chrìoch air teachd air mo shluagh-sa Israel; cha ghabh mise seachad orra nas mò.
Agus thubhairt e rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Dh’amhairc mi, agus, feuch, coinnleir uile de òr, le a chupan air a mhullach, agus a sheachd lòchrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a tha air a mhullach;
Agus thubhairt esan rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus fhreagair mise, tha mi a’ faicinn ròla ag itealaich, fichead làmh-choille air fad, agus deich làmhan-coille air leud.
Agus air an là màireach chaidh Maois a‑steach do phàillean na Fianais; agus, feuch, bha slat Aaroin, airson taigh Lèbhi, air briseadh a‑mach, agus air cur maoth dhuilleach aisde, agus air teachd fo bhlàth, agus air giùlan almoinean.