Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 9:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir feuch, dh’imich iad air falbh o làthair an fhir-mhillidh: tionailidh an Eiphit iad, adhlaicidh Memphis iad: na h‑ionadan taitneach a cheannaich iad len airgead, sealbhaichidh an fheanntag iad: nam pàilleanan fàsaidh an droigheann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus cha d’fhàgadh aig Iehoahas den t‑sluagh ach lethcheud marcach, agus deich carbadan, agus deich mìle coisiche; oir sgrios rìgh Shiria iad, agus rinn e iad mar an duslach le bualadh.

Fearann beartach nì e fàs airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh.

Agus, feuch, bha e uile air fàs suas le cluarain, chòmhdaich an fheanntagach a aghaidh, agus bhriseadh sìos a bhalla cloiche.

Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.

Dh’fhàs ceannardan Shòain nan amadain, tha ceannardan Noph air am mealladh; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran, eadhon luchd-taice a treubhan.

Agus tàrlaidh anns an là sin, gun dèan an Tighearna bualadh o chlais na h‑aibhne gu sruth na h‑Eiphit, agus tionailear sibhse suas, aon agus aon, O chlann Israeil.

Thig an droigheann agus an dris a‑nìos thar fearann mo shluaigh; seadh thar nan uile thaighean aoibhneach anns a’ bhaile luathghaireach.

Agus fàsaidh an droigheann suas na lùchairtean; an fheanntagach agus an dris na daingnichean; agus bidh i na fàrdaich aig dràgonan, na h‑àros aig nigheanan na comhachaig.

Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air.

Agus tàrlaidh anns an là sin, gach àit anns an robh mìle fìonain, air am meas air mhìle bonn airgid, gum bi e na sgitheach agus na dhroighnich.

Nì clann Noiph agus Tahpaneis mar an ceudna mullach do chinn a bhriseadh.

Air an adhbhar sin biodh dearbh fhios agaibh gum bàsaich sibh leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, anns an àite gus an àill leibh siubhal gu fantainn air chuairt.

Am facal a thàinig gu Ieremiah mu thimcheall nan uile Iùdhach a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit, a tha a chòmhnaidh aig Migdol, agus aig Tahpanes, agus aig Noph, agus ann an dùthaich Phatrois, ag ràdh,

Agus gabhaidh mi fuidheall Iùdah, a chuir an aghaidh ri dol do thìr na h‑Eiphit gu fantainn ar chuairt an sin, agus caithear iad uile ann an tìr na h‑Eiphit; tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, caithear iad leis a’ ghort; on bheag gus a’ mhòr, bàsaichidh iad leis a’ chlaidheamh agus leis a’ ghort; agus bidh iad nam mallachadh, agus nan uamhas, agus nam mallachd, agus nam masladh.

Agus smachdaichidh mi iadsan a tha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, mar a smachdaich mi Ierusalem, leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh.

Foillsichibh anns an Eiphit, agus cuiribh an cèill ann am Migdol; innsibh fòs ann an Noph, agus ann an Tahpanes abraibh: Seas daingeann, agus deasaich thu fhèin; oir shluig an claidheamh a’ mhuinntir a tha mun cuairt dhut.

Cuir d’àirneis an uidheam airson dol air ghluasad, O nighean a tha a chòmhnaidh anns an Eiphit; oir bidh Noph na fhàsach, bidh e fòs na làraich sgaoilte, gun aon ga àiteachadh.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sgriosaidh mi fòs na h‑iodhalan, agus dìthichidh mi ìomhaighean a‑mach à Noph: agus cha bhi nas mò prionnsa air tìr na h‑Eiphit: agus cuiridh mi eagal ann am fearann na h‑Eiphit.

Agus cuiridh mi teine anns an Eiphit, bidh cràdh mòr air Sin, agus reubar Nò as a chèile, agus bidh Noph gach là ann an airc.

Sgriosar fòs ionadan àrda Abhein, cionta Israeil: thig an droigheann agus am fòghnan a‑nìos air an altairean; agus their iad ris an slèibhtean, Falaichibh sinn, agus ris na beanntan, Tuitibh oirnn.

Itealaichidh iad mar eun as an Eiphit, agus mar chalaman à tìr Asiria; agus suidhichidh mise nan taighean iad, deir an Tighearna.

Uime sin, feuch, druididh mise suas a slighe le droigheann, agus dùinidh mi a callaid, air chor is nach amais i air a ceuman.

Tha Ephraim fòs mar chalaman amaideach, gun eòlas: tha iad a’ glaodhaich ris an Eiphit, tha iad a’ triall gu Asiria.

Mo thruaighe iad, oir theich iad uamsa! Lèirsgrios dhaibh, oir chiontaich iad am aghaidh-sa! Ged shaor mi iad, gidheadh labhair iad breugan am aghaidh.

Tha iad a’ tionndadh an dèidh nì gun bhuannachd: tha iad mar bhogha cealgach: tuitidh an uachdarain leis a’ chlaidheamh, airson nimh an teangaidh: seo cùis am maslaidh ann an tìr na h‑Eiphit.

Tha iad ag ìobradh feòla mar thabhartas dhòmhsa, agus ga h‑ithe; ach cha ghabh an Tighearna riu: a‑nis cuimhnichidh e an aingidheachd, agus smachdaichidh e an lochdan: tillidh iad air an ais don Eiphit.

Cha ghabh iad còmhnaidh ann am fearann an Tighearna: ach tillidh Ephraim don Eiphit: agus ann an Asiria ithidh iad nithean neòghlan.

Agus sgapaidh mi sibh am measg nan cinneach agus tàirngidh mi claidheamh nur dèidh; agus bidh ur fearann creachte, agus ur bailtean fàs.

Àrd-ghuilibh, a luchd-àiteachaidh Mhacteis, oir tha an luchd-malairt gu h‑iomlan air an gearradh as; tha uile luchd-giùlain an airgid air am milleadh.

Nuair a chunnaic fir Israeil gu robh iad ann an teanntachd, a chionn gun do dhlùthaich an armailtean riu, an sin dh’fhalaich an sluagh iad fhèin ann an uamhan, agus ann an droighnich, agus ann an creagan, agus ann an daingnichean, agus ann an sluic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan