Hosèa 9:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Chan ìobair iad tabhartasan-fìona don Tighearna, cha mhò a bhios iad taitneach dha: bidh an ìobairtean dhaibh mar aran luchd-bròin; bidh iadsan uile a dh’itheas dheth air an salachadh; gu dearbh cha tig an aran airson an anama gu taigh an Tighearna. Faic an caibideil |
Tha esan a mharbhas damh, mar gum mortadh e duine; esan a dh’ìobras uan, mar gun cuireadh e an ceann de mhadadh; esan a bheir seachad tabhartas, mar gun tugadh e seachad fuil mhuc; esan a loisgeas tùis, mar gum beannaicheadh e iodhal; seadh, roghnaich iad an slighean fhèin, agus nan gràinealachdan fhèin tha an anam a’ gabhail tlachd.