Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 9:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha ghabh iad còmhnaidh ann am fearann an Tighearna: ach tillidh Ephraim don Eiphit: agus ann an Asiria ithidh iad nithean neòghlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

An sin gearraidh mise Israel as bhàrr aghaidh an fhearainn a thug mi dhaibh: agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm fhèin, tilgidh mi as mo shealladh, agus bidh Israel na ghnàth-fhacal agus na leth-fhacal am measg nan uile shluagh:

Ann an naoidheamh bliadhna Hosèah ghlac rìgh Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach.

Agus dìolaidh mi le tomhas dùbailte an aingidheachd agus an lochd, a chionn gun do thruaill iad m’fhearann le sailchead an gnìomharan fuathach; agus len gràinealachdan lìon iad m’oighreachd.

Thug mi sibh mar an ceudna gu dùthaich thorraich, a dh’ithe a toraidh, agus a maitheis; ach nuair a thàinig sibh a‑steach, thruaill sibh m’fhearann, agus m’oighreachd rinn sibh na gràinealachd.

Thug sinn an làmh do na h‑Eiphitich, agus do na h‑Asirianaich, a‑chum a bhith air ar sàsachadh le aran.

Agus thubhairt an Tighearna, Eadhon mar seo ithidh clann Israeil an aran truaillte am measg nan cinneach, gus an iomain mise iad.

Ach ghabh Daniel rùn na chridhe nach truailleadh e e fhèin leis a’ chuibhreann de bhiadh an rìgh, no leis an fhìon den d’òl e: uime sin ghuidh e air uachdaran nan caillteanach nach biodh e air a shalachadh.

Itealaichidh iad mar eun as an Eiphit, agus mar chalaman à tìr Asiria; agus suidhichidh mise nan taighean iad, deir an Tighearna.

Cha till e gu tìr na h‑Eiphit, ach bidh an t‑Asirianach na rìgh air, a chionn gun do dhiùlt iad tilleadh riumsa.

Tha Ephraim fòs mar chalaman amaideach, gun eòlas: tha iad a’ glaodhaich ris an Eiphit, tha iad a’ triall gu Asiria.

Tha iad a’ tionndadh an dèidh nì gun bhuannachd: tha iad mar bhogha cealgach: tuitidh an uachdarain leis a’ chlaidheamh, airson nimh an teangaidh: seo cùis am maslaidh ann an tìr na h‑Eiphit.

Tha iad ag ìobradh feòla mar thabhartas dhòmhsa, agus ga h‑ithe; ach cha ghabh an Tighearna riu: a‑nis cuimhnichidh e an aingidheachd, agus smachdaichidh e an lochdan: tillidh iad air an ais don Eiphit.

Oir feuch, dh’imich iad air falbh o làthair an fhir-mhillidh: tionailidh an Eiphit iad, adhlaicidh Memphis iad: na h‑ionadan taitneach a cheannaich iad len airgead, sealbhaichidh an fheanntag iad: nam pàilleanan fàsaidh an droigheann.

A‑chum nach sgeith am fearann sibhse a‑mach mar an ceudna, nuair a thruailleas sibh e, mar a sgeith e a‑mach na cinnich a bha romhaibh.

Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus nì sibh iad; a‑chum is nach dèan am fearann, ga bheil mi gur tabhairt gu còmhnaidh a ghabhail ann, ur sgeith a‑mach.

Cha reicear am fearann gu bràth; oir is leamsa am fearann: oir is coigrich agus luchd-cuairt sibhse maille rium.

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Bidh do bhean na strìopaich anns a’ bhaile, agus tuitidh do mhic agus do nigheanan leis a’ chlaidheamh; agus bidh d’fhearann air a roinn leis an t‑sreing: agus gheibh thu bàs ann am fearann truaillte, agus thèid Israel gu deimhinn air falbh ann am bruid, a‑mach as a dhùthaich fhèin.

Èiribh, agus imichibh, oir chan i seo ur còmhnaidh: a chionn gu bheil e air a shalachadh, sgriosar e; agus bidh an sgrios mòr.

Ach thubhairt Peadar, Chan eadh, a Thighearna; oir cha d’ith mi riamh aon nì coitcheann no neòghlan.

Agus tàrlaidh, mar a rinn an Tighearna gàirdeachas os ur cionn a dhèanamh maith dhuibh, agus gu ur dèanamh lìonmhor, mar sin gun dèan an Tighearna gàirdeachas os ur cionn gu ur sgrios, agus gu ur toirt gu neoni: agus spìonar sibh as an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh.

Agus bheir an Tighearna a‑rìs thu don Eiphit ann an longan, air an t‑slighe mun dubhairt mi riut, Chan fhaic thu a‑rìs i tuilleadh: agus an sin reicear sibh ri ur naimhdean mar thràillean agus mar bhan-tràillean, agus cha bhi neach ann gu ur ceannach.

Gairmeam nèamh agus talamh mar fhianais nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun tig lèirsgrios oirbh gu h‑aithghearr as an fhearann a‑chum a bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh: cha bhuanaich sibh ur làithean air, ach sgriosar sibh gu tur.

Uime sin tàrlaidh, mar a thàinig na h‑uile nithean matha oirbh, a gheall an Tighearna ur Dia dhuibh, mar sin gun toir an Tighearna oirbh na h‑uile nithean olca, gus an sgrios e sibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan