Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.
Agus millidh mi a fìonain agus a crann-fìge, mun dubhairt i, Is iad seo mo dhuais a fhuair mi om luchd-gaoil: agus nì mi frìth dhiubh, agus ithidh beathaichean na machrach iad.
Uime sin tillidh mise, agus bheir mi m’arbhar leam na àm, agus m’fhìon na àm, agus bheir mi leam m’olann agus mo lìon, a thugadh a chòmhdachadh a lomnochdaidh.
Air an adhbhar sin, a chionn gu bheil sibh a’ saltairt air a’ bhochd, agus a’ gabhail uaithe duaise de chruithneachd; ged thog sibh taighean de chlachan snaidhte, gidheadh chan àitich sibh iad; ged shuidhich sibh fìonliosan taitneach, gidheadh chan òl sibh fìon dhiubh.
Bha sùil agaibh ri mòran, agus, feuch, thàinig e gu beagan; agus nuair a thug sibh dhachaigh e, shèid mise air. Carson? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Airson mo thaighe a tha fàs, agus sibhse a’ ruith gach duine gu a thaigh fhèin.
Nuair a thàinig aon gu cruaich fichead tomhas, cha robh ann ach deich: nuair a thàinig aon gu amar-bruthaidh an fhìona, gu lethcheud soitheach a tharraing a‑mach as an amar, cha robh ann ach fichead.